Skip to main content

‹‹‹ prev (301)

(303) next ›››

(302)
286 AN T-EILEANACH.
iiio mhàthair, (cadal sàmhacli dhi) car ann am fealladha,
'■''sann do shiol Lochbuidhe a bha Mòr, 'stha mi
cinnteacli gu 'm bi Eoglian a' gabhail sgriob mu'n cuairt
a nochd." Thug m' athair sùil mhi-cliiadach oirre 's
tliubhairt e nach bu choir dhi bhi ri 'leithid sud do
sheanchas mu choinneamh na cloinne. Ach 'n uair bha
e deas gu falbh thubhairt e rium-sa gu 'm feumainn
falbh comhla ris, cha 'n 'eil mi 'cur nam breug air 's e
'cnàmh 's an ùir, ach tha mi Ian chinnteach mar a h-
abradh mo mhàthair na facail ud a thug Eòghan 'n a
chuimhne nach bitheadh mo chuideachd a dhith air,
ach CO dhiu, dh' fhalbh mise comhla ris agus cha b' ann
am dheoin, ach cha robh a chridh' agam diiiltadh. Bha
Ian an tighe do dhaoine stigh 'n uair a ràinig sinn agus
bha 'n t-slige-chreachain g' a cur mu 'n cuairt gu math
trie, ged nach d' thàinig i am rathad-sa ach an aon uair,
ach cha b' ann aig an fhear a bha riarachadh a bha
'choire sin. Cha 'n fhuilgeadh m' athair dha deur tuill-
eadh a thoirt dhomh. B' e sud a' cheud uair a bha mi
riamh ann an aon tigh ri neach marbh, agus cha robh
m' inntinn idir socrach. Cha robh earbsa mhor sam
bith agam anns a' chaillich nach faodadh i tighinn a
nuas bhar a' bhùird a bha 'n sud, agus thug mi orm
fhein a chreidsinn uair no dha gu 'n d' rinn i seòrsa
gluasad. Ach mu mheadhon oidhche, chuala sinn an
aon sgread 's a nuallanaich a b' oillteile a chuala duine
riamh, a null 's a nail air beultliaobh an tighe, agus ge
b'e rud a bh' ann a' slaodadh slabhruidhean iaruinn a
glingeardaich as a dheigh. Ma bha casan an eich aig
Eòghan cho trom ri sud tha eagal orm nach seasadh e
air bàrr a' L'haoisein fhraoich gun a Kibadh, mar a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence