Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
32 AN T-EILEANACH.
Ged tha te dhiu 'gamhnacli 's i ris a' mhonadh,
Tha'd a' dol g' a reamhrachadh tliun na Nolluig.
'S ann tha moran seilbh aice, 's airgiod tiorani,
Caoraich agus uain aice air an fhireach,
Tunnagan 'us geòidh agus cearcan riobach,
Searrach agus seann-làir cho math ri biorach.
'S ro mhath 'n t-ùlar-bualaidh a tha 's an t-sabhull,
Sochd ann agus urchaill chum an earraich.
Amull 'us cliabh-chliata le paidhir dhreallag,
Agus fuirm-smiùiridh 'us tubadh tliearraidh.
Tha gunna ann an sioman 's i ann an crochadh.
A bh' aig fear d'a shinnsireach aig Ouil-fhodair,
Ged a f huair Iain Ciar i 's a chuir e 'n spor dhith,
An latha leon e fiadh ann am bun a' choire.
'S a' phress a tha 's an t-seòmar gur lionmhor ullaidh,
Cuimhneachan bh' aig Dòmhnull air iomadh curaidh,
Sporan agus cùineadh a bh' aig Righ Uilleam,
'S botul 's a bheil cungaidh o 'n Ollamh Mhuileach.
Tha sgian-dubh 'us tuagh bh' aig Rob Ruadh Mac
Griogair,
Claidheamh a bh' aig Diarmad 's gu bheil e biorach,
Clogaid a bh' aig Fionn aic' ann agus biodag,
Agus curachd-oidhche 'bh' aig Calum Cille.
Fhuair mise na dh' fhòghnas dhomh, 's e sin sealladh,
Thug mi thar an loin orm, chaidh mi dhachaidh,
Ged a robh Bheinn Mhor aice 's Tòrr a' Mhanaich,
B' fhearr leam bhi le Mòraig a dol do 'n chladach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence