Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
■AN T-EILEANACH. 31
AM BREACAN UALLACH.
Seisd. — Ni mi 'm breacan uallach, hi ri u i,
'Thilgeil thar mo gliualainn horom bo oh,
'Dhireaclh ris na cruachan, hi ri ii i,
'Shealltuinn air a' ghruagaich mu'm bheil an
othail.
'S neonach learn an ni, mar a chi mi nis e,
Mar tha nighean Sin' ann an Lag-a'-bhile,
O'n a fhuair i 'n dileab tha moran meas oirr',
Tha gach fear an geall oirre ann am mionaid.
Cha 'n 'eil fear 's an àite nach bi 'g a farraid,
'S òrdugh aig' 'o mhàthair a bhi 'g a leanachd.
Uilleam aig Catrin' agus Pàriiig Fltmhig.
'S Eachann againn fhin, bidh e 'dol an rathad.
Ka cailleachan air cheilidh 's aig taobh na teallaiclj.
Togaidh iad a beusan gu ruig a' ghealach,
Leis na fhuair i 'sheudan 'nuair dh' eug a sean-athair,
'S i cho math air fuaghal, 's i fuasach banail.
Tha seachd-bliadhn'-deug is cor o'n a bha i fichead,
'S cha robh fear an tòir oiire 'chunnaic mise,
Gus an d' fhuair i 'n torr a bh' aig fear na Sgrigheig,
Kaigeinean do 'n or a bh' aig anns a' chisde.
'S ioma rud a fhuair i 'n uair dh' fhalbh am bodach.
Tha còi^ mairt "us laoigh aice, 's math a tochar.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence