Skip to main content

‹‹‹ prev (337)

(339) next ›››

(338)
248
SAK-OBAIlt NAM BARD GAELACH.
'S aim rinn e oirn na <lh' fheudadh e,
Sbaoileadh e chuir mulaid oirnn.
So tha na briogaii, £c,
'S aim a nis tha fios againn
An t-iochd a rinn Diuc Uilleam ruiim,
'Nuair a dh' fhàg e sinn mar phriosauaich,
Gun bhiodagan, gun ghunnaehan,
Gun chlaidhe, gun chiios tarsuinn oirnn,
Chan fhaigh sinn pris nan dagachan ;
Tha comannd aig Sasunn oirnn,
O smachdaich iad gu buileach sinn—
Tha angar a's duilichinu
'S an àm so air iomadh fear,
Bha'n Càmpa Dhiuc Uilleam,
A's nach i'heaird iad gu'n bhuithinu e;
Man tigeadh oirnne Teahlach,
'S gu'n eireamaid "na chàmpa,
Gheibhte breacain chàirueit,
'S bhiodh aird air na Gunnachan.
So tha na briogais> &c.
ORAN DO'N EIDEAUH GHAELACH.
Fhuair mi naidheachd as ùr,
Tha taitinn ri run mo cridh
Gu faigheamaid fasan na dutheh
A chleaehd sinn an tùs ar tim.
O'n tha sinn le glaineachan hin,
A' bruidhinn air màran binn,
So i deoch-slàinnte IVIhontrois,
A sheasamh a choir so dhuinn,
Chunna' mi 'n diugh an Dun-cideann,
Comunn na feile cruinn,
Litir an fhortaln thug sgeul,
Air toiseach an eiblmis dhuinn.
I'iob gu loiuneil an gleus,
Air soilleireachd reidh an tuim ;
Thug sinn am follais ar 'n èideadh,
A's cò a their ruubail ruinn '!
Deich bliadhua fichead a's coir,
Bha casag de'n ohld in'ar druim,
Fhoalr sinn ad agus cleòc,
'S cha bhuineadh an seùrs' ud dhuinn :
Bacail a' dùnadh ar bròg,
'S e 'm barr-iall bu bhùiche leinn ;
Rinn an droch fhaaan a bh'oirnn',
Na bodaich d'ar 'n òigridli ghrinn.
Mhill e piiirt d'ar cumachd
O'n bhlàr, gu mullach ar cinn ;
liha sinn cho Ian de mhulad,
'S gu'n d'l'hàs gach duine gu tinn ;
'S aim a bha 'n càs cho duilich,
'S a thaiuig uile ri'm linn,
'Nuair a rinn pàtrti Lunnaiun,
Gach àit a's urrain thuirt dbinn.
•S fhada bha 'n onair air cha'll,
Is fasan nan GM1 oirnn d 1 ù ,
Còta ruigeadh an t-sàil,
Cha tigeadh e dàicheil dhuinn :
Ii'eigin do'n bhrigis blii aim,
'Nuair a chaidh ar comannd clio ciùin
'S gu'n d'rinneadh gach tinne nan tiuill,
'S gach fìreannach fhàgail rùisgt'.
Tha sinn anis mar as math leinn,
'S gur h-àrd ar caraid 'sa chùiit,
A chuir air na daoin' am fasan,
Kinn parlamaid Shasuinn thoirt' diu'
Beannachd gu biàth do'n mharcus,
A thagair an dràst ar cùis ;
Fhuair e gach dlighe air ais dhuinn,
Le ceartas an rlgh 'sa cliruin.
Fhuair e dhuinn comas nan arm,
A dheanamh dhuinn sealg nan slue,
'S a ghleidheadh ar daoine 'sa champ,
Le fàgail an oaimhdean bruit.
Thogadh e misneach nan Clann,
Gu iomairt nan lann le sunud,
Piob, as bratach i i crann,
'S i caiseumachd àrd mo ruin.
Fhuair «inn cothrom an dràst,
A thoilicheas gràdh gach dùtheh',
Comas ar culaidh chur oirnn,
Gun fharaid de phùr nan Rib :
Tha sinn a nis mar is coir,
A's taitnidh an seòl r'ar sùil ;
Chuir sinn' a bhrigis air làr,
'S cha tig i gu bràth a cùil.
Chuir sinn a suas an deise,
Bhios uallach, fieagarach, dhuinn,
Breacan an fheile phreasacb,
A's peiteag de'n eudacfa ur ;
Cut' a chadadfa nam ball,
Am bitheadh a' cbarnaid dlù.
Osan nach ceangail arceum,
'S nach ruigeadh mar rc'is an glùn.
Togaidh na Gàeil an ceann,
Cha bhi iad an fanng ni's mò,
Dh' fbalbh na speirichinn teann
Thug orra blii mall gun lùgli :
Slubhlaidb lad fireach nam beann,
A dh'iarraidh dhamh seanng le'o cù ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence