Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
30 AN EIAN-GRKINE.
Ma ghabhas sinn beachd aìr suiciheacliadh na
greiue ann am measg nan reultan — ni a tha furasda
a dheanamh le gloine-amhairc ; oir leis an inneal so
chi sinn na rionnagan aig teas a' mheadhoin là —
chi sinn gu soilleir gu bheil i, a reir coltais, a' gluasad
an ear, B'urrainn duinn an gluasad so a thoirt
fainear do thaobh nan reultan le beachdachadh oirre
tre shimealair àrd, no tre sldochd domhain anns an
talamh, abair tre tholl-guail. Tha boillsgeadh na
greine air a thoirt air falbh o na sùihbh, a tha mar so
a' sealltuinn ris an adhar, air chor agus gum faicear
leo gu soilleir, aig teas a mheadhoin là, na rionnag-
an a dh'fhaodas tighinn ann an sreath ri beul an
t-sluic tre am bheil iad ag amharc. Gabhamaid
beachd air suidheachadh na greine do thaobh an
reul air am bheil mar so ar sùil, agns chi sinn ann
an Liine gle bheag gu bheil i' triall an taobh an ear
dheth. Tha i a' cumail air a h-aghaidh ann an cuairt
nan speur air a mhodh so, gus, ann an ceann bliadhna
thìm, a' bheil i air tighinn a dh' ionnsuidh a' cheart
suidheachadh do thaobh an reul sin anns an robh i,
an uair a bheachdaich sinn oìrre an toiseach. Uaith
so tha e soilleir gu bheil a' ghrian a' deanamh ghias-
ad bliadhnail timchioll an talaimh, no gu bheil an
talamh a' gluasad timchioll na grèine anns an iìine
sin. Ma their sinn gu bheil an talamh gu socrach —
gur h-i a' ghrian a tha a' gluasad m'a thimchioll-san,
an sin, chi sinn anns na planaidean eile, gluasadan
air nach urradh dhuinn cunntas a thoirt. Tha iad a'
ruith a null agus a nall, air an ais agus air an agh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence