Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
GLUASAD AN TALALMH. 29
tha a' mathachadh agus ag ùrachadh an talaimh.
Goirear dheth Comas-tàlaidh. Tha'n comas-tàlaidh
so, le ghocas an Tighearna, anns a' cheart tomhas a
tha comh-fhreagarrach ri comhfhurtachd a chreut-
airean. Nam biodh e ni bu làidire bhiodh e 'na
eallaich throm a bhi a' gluasad air uachdar an
talaimh : nam b'ann ni b'anmhuinne cha bhiodh
tèaruinteachd aig a' chreutair 'na ghhiasad ; bhiodh
e uUamh gu bhi teicheadh air falbh dhe'n talamh gu
h-iomlan. Cha bhiodh seasamh cinnteach idir aige.
Ach anns an tomhas neairt a thug an Cruithfhear
do'n chomas-tàlaidh so, tha làn shàbhailteachd
againnanns gach suidheachadhanns am feud an tal-
amh a bhi : oir tha'n aon neart, 'gar cumail ris an
talamh aig gach aon àm, co dhiu a tha sinne a' saoil-
sinn gu bheil an taobh air am bheil sinn os a'
cheann ua fuidhe. Oir ann an Reul-eòlas cha 'n 'eil
dà-rìreadh shuas agus shios idir.
Nach neònach leat mar tha a'chuileag comasach
air coiseachd gu tèaruinte air mullach an t-seòm-
air ? Nach faic thu'n so reachd leis am bheil Dia
'toirt tèaruinteachd d'a chreutairibh, eadhon ann
an suidheachadh a shaoileadh tu a bhiodh iad ann
an cunnart ?
Dh'fhaodamaid a bhi 'cuir sios còmhdachaidh eile
air a' chiìis so, ach mur 'eil sinn air ar mealladh, is
leoir iad so, eadhon airson a Ghàidhil is reasgaiche.
Thubhairt sinn gu bheil mar an ceudna gluasad
hliadhnail aig an talamh timchioll na greine, co
math ri gluasad lathail timchioll air aisil.
D

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence