Skip to main content

‹‹‹ prev (497)

(499) next ›››

(498)
484 PROVERBS.
Cha bu dith iarraidh dhi.
Cha ba mhac niar an t-athair e.
Cha chain an t-òlach math ach air laimh an droch òlaich.
Cha chaoin muc sheasg r'a h-àl.
Cha chaomhnadh learn do chaomhnadh 's cha chaitheamh leam
do chaitheamh.
Cha chhiinn e ach an rud a 's binn leis.
Cha chreidear an t-aog gus am faicear an t-adhlac.
Cha chuir bean-tighe ghUc a h-uibhean uile fo aon chirc.
Cha chuirear seann cheann air guailhbh òga.
Cha chuirinn mo bheul anns an hte nach òlainn.
Cha deachaidh e timchioll an tuim leis.
Cha deach ceann còcaire riamh air òtrach.
Cha deachaidh tonn air feisd dha o sin.
Cha dean fear iomairt bualadh, 's cha dean fear luath maorach.
Cha dean làmh ghlan eòrna.
Cha dean mise toll anns nach cuir tlmsa tarraing.
Cha dean treanaidh treubhantas.
Cha deanadh e gille-poc dha. (He could not light a candle to
him).
Cha deic na 's fheudar.
Cha do chleachd an capull a spoth.
Cha do shuidh air cloich nach do shuidh laimh ri.
Cha d' rinn fuine ri ceòl nach d' rinn itheadh ri bròn.
Cha d' rinn maitheas nach d' fhuiling aghaidh.
Cha d' rinn duine riamh lochd orm nach faca cnoc a mhàis.
Cha d' thug cridhe goirt nach d' fhuair cridhe goirt.
Cha duine tàillear 's cha duine dha dhiubh.
Cha fhliuch an cat a chas ach air son an eisg.
Cha fhliuch an cat a chas an deigh an eisg.
Cha freagair do 'n fheumach a bhith ailgheasach.
Cha ghabh an soitheach Albannach ach a Ian.
Cha ghabhadh sinn iongantas — an iiaisle gun chasan.
Cha ghleidh bruidhinn buaidh.
Cha ghloir a dhearbhas ach gniomh.
Cha 'n aithnich thu duine gus am bi do ghnothach ris.
Cha 'n aithnich thu an t-each breac gus am faic thu e.
Cha 'n. aithnichear caraid gus am feum air. (A friend in need
is a friend indeed).
Cha 'n amais duine dona air a thapadh.
Cha 'n e barrachd na sgoileireachd a's fhèarr.
Cha 'n e tagha nam muc a gheibh fear na faighe.
Cha 'n 'eil ann cosmhuil ris an dachaidh. (East or west, hame
is best).
Cha 'n 'eil an sin ach "Seachain mo chluas is buail m' adharc."
Cha 'n 'eil bus fir o'un sì'ràs fir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence