Skip to main content

‹‹‹ prev (299)

(301) next ›››

(300)
2 82 WEST HIGHLAND TALES.
fheoraich Iain do 'n duin' uasal, "Am feudadh e fantainn na thigh
air an oidhche sin ? " " Mata," ars' an duin' uasal, '• bho 'n is seann
saighdear thu, agiis coslas duine calma gun fhiamh na eagal na d'
ghuuis, tha caisteal ri taobh na coille sin tball, agus feuda tu fant-
ainn ann gu latha ; gheibh thu piob 's tombaca, cuach Ian uisge agus
Biobull gu leubhadh.'' Dur a fhuair Iain a shuipeir, thug e 'n
Caisteal air. Chuir e teiiie nibr air, agus dar a thainig taean do 'n
oidhche thainig dithis mhnathan ruadh a steach, 's ciste duine mhairbh
eatorra! Thilg iad i ri taobh na teallaich, 's leura iad a mach.
Dh' eirich Iain, 's le sail a choise, chuir e 'n ceann aiste. Tharruinn
e mach SHann bhodach Hath, agus chuir e 'na shuidhe anns a' chathair
mhbir e : thug e piob 's tombaca dha, agus cuach uisge, ach leig am
bndach leo tuiteani air an urlar. " A dhuine bhochd,"' ars' Iain, " tha
"m fuachd ort."' Chaidh Iain 'ua shineadh 'san leabaidh, 's dh' fhiig
e 'm bodach ga gharadh ri tcabh a' ghealbhain ; ach mu ghairm
choileach dh' fhalbh e. Thainig an duin' uasal gu math moch
'sa mhaduinn. " De 'n tamh a fhuair thu, Iain?"' " Thnih uiaith,
ars' Iain, "cha be t' athair am fear a cliuireadh ea^al ornisa."
" Ro mhaith, Iain ; gheibh thu da cheud pund, agus luidh a nochd '."^a
chaisteal." "'S mise an duin' a ni sin," thuirt Iain: agus air an
oidhche so, b'e 'leithid cheudna. Thainig triur mhnathan ruadh, 's
ciste duine mhairbh aca eadar iad. Thilg iad suas i ri taobh na teall-
aich, 's thug iad na biiinn asda. Dh' eirich Iain 's le sail a choise, bhrist
e ceann na elite, 's shlaod e ai^te an seann duine Hath, agus mar a
rinn e an oidhche roimhe, chuir e sa' chathair mhbir e. Thug e dha
piob 's tombaca, 's leig e leo tuiteam. " A dhuine bhochd,"' ars' Iain,
" tha fuachd ort." Thug e 'n so cuach Fan dibhe dha 's leig e le so
tuiteani cuideachd. " O ! a dhuine bhochd, tha fuachd ort." Dh'
fhalbh am bodach, mar a rinn e 'n oidhche roimhe. " Ach,'" ars"
Iain ris fliein, "ma dh' fhanas mis' an so a nochd, agus gun d' tliig
thusa, paidhidh tusa mo phiob, 's mo thombaca, 's mo chuach dhibhe."
Thainig an duin' uasal gle mhoch 'sa mhaduinn, 's dh' flioighneachd e^
" De "n tamh a fhuair thu 'n raoir, lainV" "Tamh math," ars' Iain,
" cha be "m bodach Hath t" athair a chuireadh eagal ornisa." "Ach,"
ars' an duin' uasal, " ma dh' flianas tu 'nochd, gheibh thu tri cheud
pund." " 'S bargain e," ars' Iain. 'Nuair a bha e tacain do 'n
oidhche, thainig ceathrardo mhnathan ruadha, 's ciste duine mhairbh
aca eadar iad, 's leig iad sud sios ri taobh Iain. Dh' eirich Iain, "s
tharruinn e 'chas, 's chuir e n ceann as a chiste, 's tharruinn e mach
an seann duine Hath, 's chuir e sa chathair mhoir e. Shin e dha piob
's tombaca, an corn "s an deoch, ach leig an seann duine leo tuiteam,
's bhristeadh iad. Ach thubhairt Iain, " Ma'm falbh thusa "nochd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence