Skip to main content

‹‹‹ prev (271)

(273) next ›››

(272)
2 54 WEST HIGHLAND TALES.
an duine gun tur a chuir 's a chunnart tliu, 'us nan d' thug e f los
dotnhsa 'us do chuir far an robh mise, aon s 'am bith thigeadh a d'
choir, rachadh an crochach 'us a bharrachd air sin, an losgadh.
Falbh," ars' ise ris an Easbuig, " a 'd chodal, 'us cuiribh fa sgaoil a
chuideachd nihbr so mus hi iad a magadh oirbh." Thubhairt an t-
Easbuig ris a chuideachd gum faodadh iad gabhail mu thamli, gun
d' thugadh nighean an righ, 's a maighdean choimheadachd an aire
dh' a nigheansa. 'N uair a fhuair nighean an righ uile gu leir air
falbh iad, " Thig thusa, a nighinn mo ghaoil, cuid a riumsa gu tigh
righ na rioghachd." Mach a thug nighean an righ ; bha an t-each
donn goireasach aice, agus cho luath 's a fhuair an t-Albannach
mach i far an robh an t-each donn, tilgear dheth ann an aite dorch
an deise. Chuir e uidheam eile air as ceann 'eudaich fliein 'us air
muin an eich chuir e i. Cuirear dhathigh an gille leis na deiseachan
dh' ionnsuidh an tailleir. Phaigh e an gille 'us thubhairt e ris a
choinneachadh an sud an ath oidhche. Leum esan suas air an each
dhonn ai'_' tigh an Easbuig, 'us air a thug e gu tigh a mhaighistir. Ge
bu mhoch a thainig an la, bu mhoiche na sin a thainig a mhaigistira
dh' ionnsiiidli an stabuill. " Bha esan 'us nighean an Easbuig 'n an
luidhe 'n a leabaidhse, 'us dhuisg e 'n uair dh' Ihairich e a mhaigh-
istir." " Cha bu chall leam mo shaothair," ars' esan, " nam bitheadh
m' Albannach bochd romhani an so an diugh." "Eh, gu bheil mi,"
ars' esan, " auus nighean an Easliuig agam ann a so." " Oh," ars'
esan, " bha meas agam ort roimhe, acii a nis tha measmbr agam ort."
Be sin De-sathuirn. Bha aige-san agus aig a mhaighistir gu dhol
a choinneachadh an Easbuig an la sin cuideachd. Chaidh an t-
Easbuig ai;us am Probhaist an coinnimh a che'ile mar a b' abhaisd.
Nam b' olc an coltas bh' air an Easbuig an la roimhe, bha e na bu
mhios' uile an la sin. Bha gille a Phi-obhaisd 'n a each 'us 'n a dhioll-
aid an deigh a mhaighistir. 'X uair a thainig e far an robh an t-
Easbuig cha robh aig ris ach " a mheirlich 'us a shlaoitir ?" " Faod-
aidh tu do bheul a dhunadh," ars' an gille, "cha 'n urrainn thu sin
thein a radh rium le ceartas. Cuir a null mo dheich ceud marg an
so." Phaigh e an t-airgiod. Bha e'g a chaineadh. " ( >d dbuine,"
ars' esan, "leig dhiot do chainea<ih, cuiridh mi an deich ceud marg
riut gun goid mi thu fhe'in an nochd." '• Gun gold thu mise, a bhiasd,"
ars' esa, " cha-n fhaigh thu a chead." Chuir e an deich ceud marg ris.
" Gheibh mi an deich ceud marg ud air ais," ars' an t-Easbuig, " ach
cuiridh mise cuig ceud deug marg riut nach goid thu mise." "Xi mi
cordadh riut," ars' an gille. Cheangail am Probhaist am bargan ead-
orra. Dh' fhalbh an gille "us a mhaighistir dhathigh. " Laochain,'
ars' a mhaighistir, " bha meas mbr agam ort gus an diugh, caillidh tu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence