Skip to main content

‹‹‹ prev (229)

(231) next ›››

(230)
2 I 2 WEST HIGHLA^^D TALES.
sheobhaig romh ealt, na mar gliobhair ri creig, na mar chii mor ann
an latha fuur Earraich a' dol romh threud chaorach. Sin mar a
dheanainn buiiihnichean beaga do bhuidhnichean mora ; caisteil
chr{)dha 'chluinnt 'an ceithir hirdean an athair ; slachdarsaich lann
a' gearradh nan sgiath sonnalach; gus nach d' fhag mi fear innsidh
sgeoil na chumadh tuairisgeul; mar am biodh fear air leith-cliois 's
fear air leith-laimh, 's ged a bliiodh deich teangannan 'nan ceann
's ann aig inuseadh an uilc fein is uilc chaich a bhitbeadh lad. Thug
mi learn mo bhean fein, 's chuir mi ann an deireadh na luing i. Thug
mi 'toiseach do mhuir 's a deireadh do thir. Dheanainn siliil 'na
toiseach, stiuir 'na deireadli. Thog mi na tri siiiil bhreaca, Ihaidealach
an aodann nan crann fada, fulannach, tiughaidh. 'S e bu chebl
dhomh plubarsaich easgann, s be'iceardaich f haoileann ; a' bhi^isd a
bu mhotha 'g itheadh na be'isd a bu lugha, 's a' bht'isd a bu lugha
'deanadh mar a dh' f haodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bha 'n
grunnd an aigean blieireadh i haig air a beul nibr. Gliearradh i
cuinnlean caol coirce le feobhas an stiliraidh. Thill sinn gu baile
mbr m' athair ce'ile. Thogadh an cebl 's leagadh am brbn. Bha
deochanna mine, misgeach, s deochanna garbha 'gan gabhail ; cebl
air teudan, a' sior leigheas gach seorsa galair, a chuireadh fir ghointe
agus mnathan siubhla 'nan cadal air a' mhbr-bbaile an cidhche sin.
IjO sgios a ghaisgich, agus le athar na pbit, cha do laidh mise le m'
mhnaoi an oidhche sin.
Ma bu mhoch a thainig an latha an la 'r na rahaireach, bu mhoiche
na sin a dh' eiridh m' athair ce'ile a ghlaodhach rium a dhol do 'n
bheinn sheiig, a dhol a shealg bhrochd, is uilc, is shionnach. An am
togail na sithinn is a leagalach, smaointich mi gun d' fhag mi mo
bhean fein gun fhear faiie na fuar choimhead urra. Dh' f holbh mi
dhachaidh mar cliuraidh ro chalraa, 's fhuair mi mo mhathair che'ile
'caoineadh. De th' ort? "'Smbr sin, Macan mbr mac righ na Sorcha
an de'igh a' bhean ud a phbs thu fe'in a thoirt air folbh." Is e bu
mheasa learn aca. Ghabhtar a mhath is olc siod orm fein. Ghabh
mi lorg an lach air an naoidheamh trath. Thachair mo long orm.
Chuir mi mo dbriom rithe, 's bha i ra throm leam. Chuir mi mo
dhriom rithe a rithisd, 's chuir mi mach i. Thug mi 'toiseach do
nihuir 's a deireadh do thir. Dheanainn stiuir 'na deireadh ; siiiil 'na
toiseach ; 's beau-t na buillsgean ; aghaidh gach buill a bh' innte
fuasgailt' agus ceangailte ; a' deanadh rogha cala agus acarsaid do
bhaile-mbr Macan mbr righ na Sorcha. Tharruinn mi mo long a
seachd fad fe'in o thraigh air fearann tioram, far nach dubhadh gaoith,
'.s nach loisgeadh grian, 's nach deanadh sgoilearan baile-mhbir
culaidh bhiiird, na mhagaidh, na fhochaid di.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence