Skip to main content

‹‹‹ prev (225)

(227) next ›››

(226)
2 08 WEST HIGHLAND TALES.
e roid bheag eile an tleigh na gruagaich, 's cha b' f hada 'bha e air
folbh nur a thill e. " Uile cbumhachdau an t-saoghail a' t' aghaidh,"
ursa Brian Borr ; " dh' aithnicb mi gun robh e gun ghille toiseacb an
latha am fear a dli' f hasdaidh thu, 's na'n gabhadh e mo chomhairlesa
tha d' f hasdaidh e thu." " Cha dean mi turn math an diugh gus an
d' thig am bior a th' ann a'm' chois aisde." Fhuair iad an siod leigh,
's cha robh do dh' innleachd aig an leigh na bheireadh am bior as a
chois. Thug e fein iarunn beag a bh' aige am bile na h-ata bige
a mach, 's thug e 'm bior as a cbois, 's bha 'm bior troigh na b' f haide
na 'n lurga. " Ubh ! ubh ! " virsa Brian Borr, " 's iongantach an
gnothach sin, am bior a bhi na b' f haide na 'n lurga ! " " "S iom-
adh," urs' esan, " rud is ionpantaiche na sin ; tha sineadh math an
ceann nan alt 's nan cuanih." Thug e roid bheag air folbh an sin, 's
cha b' fhada 'bha e air folbh nur a thill e, 's lach aig air a rosdadh
air an teine, 's gun bhall loisgte na amh innte, 's bha saith a h-
uile duine stigh innte. " 'S e so turn is f hearr a a riun thu f hathasd,"
ursa Brian Borr.
" Cha dean mi turn math an diugh gus am faigh mi luchdan beag
cadail." Dh' fholbh iad air chiil Chnoc Seanain an Eirinn, air
chill gaotha, 's air aghaidh gre'ine far am faiceadh iad gach duine 's
nach faiceadh duine iad. Chaidil e 'n sin, 's nur a dhuisg de 'bha
ach gruagach Chnoc Seanain air mullach a' chnoic. Dh' €iridh e, 's
bhuail e buille d'a bhois urra 'sa chluais, 's chuir e 'n ceann ciil air
bheul-thaobh. " Uile chumhachdan an t-saoghail a' t' aghaidh,"
ursa Brian Borr, "am mail leat do chrochadh is sian fala ma t'
shiiilean. Cuir an ceann gu ceart air a' ghruagaich." " Ma dh' iarras
mo mhaighstir sin orm ni mi e, 's mar an iarr cha Ahan mi 'n diugh
air do shons' e." " Sin agad i," ursa Murchadh, "'s dean do rughainn
rithe." Bhuail e 'n sin a dhorn urra, 's chuir e 'n t-ionachuinn
aisde.
Cha b' fhada 'bha iad an sin nur a chunnaic iad fiadh, agus gadhar
'ga 'ruith. Mach as a dlie'igh gabhaidh iad ; 's na spreadan a bha 'n
gadhar a' cur as a ladharan, bha iad a bualadh gille Mhurchaidh an
clar an aodainn; na spreadan a bha gille Mhurchaidh a' cur a a
ladharan, bha iad a' bualadh Mhurchaidh an clhr an aodainn ; 's na
spreadan a bha Murchadh a' cur as a ladharan, bha iad a bualadh
Dhonnachaidh an clar an aodainn ; 's na spreadan a bha Donnach-
arih a' cm a a ladharan, bha iad a bualadh Bhrian Borr an clar an
aodainn. An am an anamoich chaill Murchadh a chuid daoine. Cha
robh 'athair, na bhrathair, na 'ghille, na 'm fiadh, na 'n gadhar r'a
f haicinn ; 's cha robh tios aige de 'n taobh a rachadh e a 'n iarraidh.
Thiiinig ceo orra.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence