Skip to main content

‹‹‹ prev (224)

(226) next ›››

(225)
MURACHADH MAC BRIAN. 207
mach gabhaidli Donnachadh ; agus siod a mach gabhaidh Brian
Borr, an athair 'nan de'igh. Cha b' fhada 'bha iad air folbh nur a
chunnaic iad blach mor a' tighinn 'nan coinneamh. Bbeannaich
Brian Borr e ann am briathran fisnicbe, foisniche, file, mile, ciiiin
an seanachas. Fhreagair esan ann am briatbran a b' fbearr, 's mar
am b' iad a b' fhekrr cha b' iad a bu mheasa. " De 'n duine thusa?"
ursa Brian Borr. " Is gille math mi ag iarraidh maighstir." " Uile
churahachdan an t-saoghail a' t' aghaidh a bhiasd ; am mail leat do
chrochadh is sian fala ma t' shiiilean ; 's fhada bhithinn f hein mam
fasdainn thu aig do mheud." "'S coma leam cb-aca; dh' fhaoidte
gum fasdadh Murchadh mi." Rainig e Murchadh, 's bheannaich
Murchadh e ann am briathran fisniche foisniche, file, mile, ciiiin an
seanachas. Fhreagair an t-blach e ann am briathran a b' fhearr, "s
mar am b' iad a b' fbearr cha b' iad a bu mheasa. " De 'n duine
thusa?" ursa Murchadh. "'S gille math mi 'g iarraidh maighstir,"
urs' esan. " De 'n tuarasdal a bhios thu 'g iarruidh ?" " Da dhrinn
de d' chomhairle gus an d' thig sin o ruith na gruagaich, 's gun
a bhi agad fe'in ach an t-aon." "Ma gheobh thusa sin," ursa
Murchadh, " cha d' f huair fear romhad e, 's cha 'n f haigh fear a' d'
dheigh e ; ach 's cinnteach mar am b' airidh thu air nach iarradh
thu e."
Nur a chbrd iad thug e roid an deigh na gruagaich, 's cha b' fhada
'bha 8 air folbh nur a thill e. " Uile chumhachdan an t-saoghail a'
t' aghaidh," ursa Brian Borr, " am math leat do chrochadh is sian
fala ma t' shiiilean? dh' aithnichmi gun robh e gun ghille, toiseach
an latha, am fear a dh' fhasdaidh thu, 's nan gabhadh e mo chomh-
airlesa cha 'n fhasdadh e thu." "Cha dean mi turn math an diugh
gus an d' thig na geiueagan bhar a' chota mhoir." Fhuair iad an
siod tailleir, 's cha robh de dli' innleachd aig an taillear na 'bheireadh
na geineagan bhar a' chota mhbir. Thug e 'n sin siosar a mach a
bile na h-ata bige, 's thug e na geineagan bhar a chota mhoir ann
am mionaid. Thug e roid an sin am de'igh na gruagaich a rithisd, 's
cha b' fhada bha e air folbh nur a thill e. " Uile chumhachdan an
t-saoghail a' t' aghaidh," ursa Brian Borr, "am mail leat do chroch-
adh is sian fala ma t' shiiilean ; dh' aithnich mi gun robh e gun ghille
toiseach an latha am fear a dh' fliasdaidh thu, 's na 'n gabhadh e mo
chomhairlesa cha d' fhasdaidh e thu." " Cha d^an mi turn math an
diugh gus an d' theid na ge'ineagan air a chota mhbr a rithisd ; no ma
chi mnathan a' bhaile mi bidh a h-uile te dhiu as mo dhe'igh." Fhuair
iad taillear, 's cha ghearradh a shiosar gre'un, 's cha 'n f huaigheadh a
shnathad beum. Thug e fhein an sin siosar is snathad a bile na
h-ata bige, 's chuir e na geineagan air a' chota mhbr a rithisd. Thug

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence