Skip to main content

‹‹‹ prev (450)

(452) next ›››

(451)
AN GRUAGACH BAN, MAC RIGH EIREANN. 433
ach an leomhan craobh. Chaidh e 'natharbh. Chaidh an Gruagach
ban 'na tharbli mu 'choinneanih, agus a' chiad bliuill' a thug e dha
leag e' cheaunii air a shlinnean, agus thug an leomhan craobh ran
as. Leum e 'n so 'na aiseal. Leum an Gruagach bim 'na aiseal mu
'choinneamh, 's air a' chiad speach a thug e a 'ionnsuidh thug e Ikn a'
bheoil as eadar fheoil agus chraicionn. Leum an leomhan craobh
an so 'na sheobhag aunns na speuran. Leum an Gruagach ban *na
slieobhag aunns a' choille, agus thug e 'n cridh' agus an gruan as.
Thuit an Gruagach ban a nuas as a dheigh. Kug Fionn air, agus
chuir e aunns an nèapaigin e, agus ghelirr e plochd, agus chuir e 'n
nèapaigin fo 'n talamh agus am plochd air a mhuinn, agus sheas e
air muinn a' phluiclid. Thainig bean an leomhan craobh, agus an
leobhar huidseacliais leath' air a muinn aunn an siigan. " Fhinn
Jlhio (J;unhail, fhir nach d' innis briag riabh, 'co' mharbh mo chomp-
anach?" " Cha 'n aithne dòmhs' as cionn an talanta co mharbh do
chompanach," ursa Fionn agus 'dh fhalbh i 'na gaoire guii, agus thug
i go h-astar urra.
Rug e air a Ghruagach bhan agus thog e leis e, agus rkinig e 'n
caisteal 's an robh bean a chaol-chot' uaiue. Shin e dhi siud 'na
liiimh. Ghabh i 'sias leis, agus cha b' fhada 'bha i shias nur a thainig
i nias far an robh esan. " Fhinn Miiic Cumhail," urs' ise, "tha 'n
Gruagach ban, Mac Righ Eireann, 'ga t' iarraidh." " 'S e sin
naigheachd is fhearr leom a chuala mi riabh fhathasd, gom bheil an
Gruagach ban' gam' iarraidh," ursa Fionn. Chuir i biadh agus deoch
air am bialthaobh. Cha 'n itheadh end greim, 's cha 'n oladh eud
diar, gos an itheadh eud an cuid de 'n fhiadh le each aig Struth
ruaidh. Rainig eud far an robh 'n Fhinn ceanghailte, agus dh' fhuasg-
ail eud a h-uile h-aon riabh aca, 's bha acras go leoir orra. Chuir
an Gruagach ban am fiadh air am bialthaobh, 's dh' fhag eud dha 'n
fhiadh tri urad 's a dh' ith eud. " S coir domhsa dol a dh' innseadh
mo sge'il," urs' an Gruagach ban. Rainig e 'chailleach aig clachan
Struth ruaidh. Thoisich e air innseadh a sgeil inur a dh' eiridh dha.
H-uile sgial a dh' innseadh esan dise, thoiseachadh ise ri eiridh.
H-uile h-uair a thoiseachadh ise ri e'iridh, bheireadh esan urra, agus
phronnadh e na cnamhan aice, agus bhristeadh e eud, gos an d' innis
e chuid sgialachdan di. Nur a dh' innis e eud thill e, agus rainig e
'n Fhinn air ais. Chaidh Fionn leis go caisteal bean a chaol-chot'
uaine. " Beannachd leat Fhinn Mhic Cumhail," urs' an Gruagach
ban, Mac Righ Eireann. " Fhuair mise na bha mi 'g iarraidh, fradharc
air gach ciiis agus air gach gnothach, agus bidh mi 'uis a' tilleadh
dhachaidh go paileas m' athar fhin." " 'S an aunn mur so a tha thu
'brath mis' fhagail an de'is gach rud a rinn mi riut, — thu 'bhith aig te
VOL. n. 2 F

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence