Skip to main content

‹‹‹ prev (300)

(302) next ›››

(301)
AX SAIGHDEAR. 283
paidliiilh tu dbomhsa na bhrist thu,'" adi facal cha d' tliainiga ctann
a' bhodaich. Ghabh Tain an so crios abursicaic, agus cheangail e 'ni
bodach ri chliathaicb, 's thug e leis a luidhe e. Dar a ghoir an coil-
each fraoich dli' iarr am bodach aif a leigeil as. " Paidh na bhrist
thu 'n toiseach," ars' Iain. "Iiinse mise dhuit mata." ars' an seann
duine, tha seilear dibhe sliios fotham, anns am bheil pailteas dibhe,
tombaca 's pioban : tha seomar beag eile laimh ris an t-stilear, anns
am bheil coire Ian oir, agus fo starsnaich an doruis mhoir, tha crog-
an Ian airgiod. Cliunnaic thu na mnathan ud a thainig leamsa
'nochd." " Chunnaic," ars' Iain. " Well, sin agad ceathrar mhnathan
bho 'n d' thug mise na mairt, agns iad 'na n èigin ; tha iad a falbli
leamsa na h-uil' oidhche mar so ga m' phianadh ; ach falbh thusa,
agus innis do m' mhac, mar tha mis' air mo sharachadh ; falbhadh
esan agus paidheadh e na mairt, agus na biodh e trom air a bhochd.
Feuda tu fliein agus esan an t-òr 's an t-airgiod a roinn eadaruibh, agus
pòs fhein mo sbeann nighean, ach cuirahnich thoir pailteas oir do na
tha 'lathair do na bochdan, air an robh mise ro chruaidh, agus gheibh
mise fois gu saoghal nan saoghal." Thainig an duin' uasal, agus dh'
innis Iain dha mar a dh' innis mise dhuitse, aeh cha phosadii Iain
seann nighean a' bhodaich liath. An ceann Jatha no dha, cha 'n
fhaiiadh Iain ni b' fhaide. Lion e phòcaidean Fan do 'n or, 's dh'
iarr e air an duin' uasal pailteas oir a thoirt do na bochdan. Eainig
e "n tigh, ach bha e 'gabhail fadail aig an tigh, agus b' fhearr leis bhi
air ais 'san Eeisimeid. Thog e air latha do na laithean, 's rainig e 'n
cnoc a bha os ceann a bhaile, bho "n d' fhalbh e. Ach co thainig g'a
ionnsaidh ach an donas ! " Hoth ! holh ! Iain, phill thu." " Hoth !
ort fhein," ars' Iain, "phill : co thusa." '"S mis' an Donas, am fear
do 'n d' thug thusa thu fhein, dar a bha thu 'n so ma dheireadh."
" Ai ! ai !" ars' Iain, " 's fada bho na chuala mi iomradh ort, ach cha
n fhaca mi riamh roimhe thu : 's ann a tha spleiimas air mo shuil-
ean ; cha chreid mi gur tu th' ann idir ; ach dean nathair dhiot fhein,
agus creididh mi thu." Rinn an Donas so. " Dean a nis leomhan
beiichdach." Kir.n an Donas so ! " Cuir a nis smugaidean teine
seachd mile as do dheigh agus seachd mile rumhad." Rinn an Donas
so! ! " Well," ars' Iain bho na tha mi gu bhi na m' ghill' agad, thig
a steach na m' abarsgaic, agus giulanidh mis' thu ; ach cha 'n fheud
thu tighinn a mach gus an iarr mise, air neo tha 'm bargain briste."
Gheall an Donas, 's rinn e, so. "Kis,"ars' Iain, " tha mise dol a dh'
fhaicinn brathair dhomh a tha 'san Reisimeid, ach fan thusa samh-
ach." Chaidh Iain an so a stigh do 'n bhaile, agus ghlaodh fear
thall 's fear a bhos, " So Iain an desairtair." Chaidh beireachd air
Iain 's mod a chuir air, agus 'se bh' ann gu 'n robh e gu bhi air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence