Skip to main content

‹‹‹ prev (197)

(199) next ›››

(198)
l8o WEST HIGHLAND TALES.
dachaidh, agus clieileadh an t-seilg air an Fheinn, 's cha robh fios aca
de dhianadh eud.
Sgriobh Maghach litir go Fionn a Lochlainn do dh' Eirinn.
" Cluiala mi gon do clieileadh an t-seilg oirbh ann an Eirinn. Tha
bruighean air muir agam 's tha bruigh;an air tir agam, tha Ion la a's
bliadhn' agam anns a h-uile brugh dhiu sin, am biadh nach smaoint-
ich thu 's an deoch nach smaointich thu. Thig thusa 'n so thu fhiii
agus do chuid Fhiantachan. Tha Ion la agus bliadhn' air do
chionn."
Fhuair Fionn an litir 's dh' f hosgail e i, " 'Smairg nach dianadh
rud math an tiis bige, gheibheadh e rud math an tiis a shine deth
rithisd. Tha litir an so air tigh 'n o 'm dhalt' a Lochlainn go 'bheil
bruighean air muir agus bruighean air tir aige, Ion la as bliadhna 's
a h-uile te dhiu, an deoch a smaointicheas sinn 's an deoch nach
smaointich sinn, am biadh a smaointicheas sinn 's am biadh nach
smaointich sinn, agus 's ann is fhearra dhuinn a blii falbh."
" Co dh' fhàgas sibh," ursa Fiachaire MacFhinn a mhac, " a
ghleidheadh miiira agus macan na h-Eireann." " Fanaidh mis',"
ursa Fiachaire MacFhinn. " Fanaidh misy'vi^rsa Diarmaid O Duibhne
mac a pheathar. " Fanaidh mis'," urs' Innsridh Mac righ nan Sealg
a dhalta. " Fanaidh mis'," ursa Cath Conan Mac mhic Con. " Fan-
aidh sinn a nis," urs' adsan an ceithrear so.
" Tha thu falbh m' athair," ursa Fiachaire, " agns tha e chomath
dhuit fantail." " De nis mur a gheibh sinn brath mur a dh' e'ireas
duit ann an Lochlainn?" " Buailidh mis' an t-ord Fiannt' ann an
Lochlainn, 's aithneachar air a bhuill' a bhuaileas mi ann an Loch-
lainn na 'n Eirinn de'mur a bhitheas sinn."
Dh' fhalbh Fionn 's a chuideachd. Khinig eud Lochlainn.
Chaidh Maghach Colgar mac righ Lochlainn 'nan coinneamh agus
'nan comhdhail. " Failt' ort m' oide," ursa Maghach. " Failt' ort f hin
a dhalta," ursa Fionn. " Siud an gnothach a bli' agam riut, chuala mi
gon do cheileadh an t-seilg an Eirinn, 's cha bu mliath leam 'ur lig-
eadh bas gon bhiadh. Tha bruighean air muir agam, 's tha bruigh-
ean air tir agam agus Ion la a's bliadhn' anns' a h-uile gin diu; agus
co-dhiu feadhain is roighniche leat ?" " 'S ann air tir a chleachd mi
bhi riabh, 's cha n' ann air muir, 's gabhaidh mi feadhain air tir,"
ursa Fionn. Ghabh eud a stigh ann a h-aon diu. Bha dorus ma choinn-
eamh h-uile latha sa' bliadhn' air an tigli; h-uile seorsa bidh a's dibhe
stigh ann. Shuidh eud air cathraichean. Rug eud, a h-uile fear, air
fore agus air sgithin. Thug eud siiil uatha, 's de chunnaic eud air
an kraich, ach gon toll fosgailte, ach snidhe reòta. Thug eud an togail
sinn orra go eiridh. Lean na cathraichean ris an talamh, lean eud

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence