Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
34 WEST HIGHLAND TALES.
taoman." Labhair am fleasgacb, 's thubhairt e, " Tlia Ceist eil
agam ri chuir ort mu 'n tachairna h-uile iiithibh so." " Abair romh-
ad," thuirt an lidire. " Bha mi fein 's mo ghille, latha ann am
fridh a' sealg ; loisg mo ghille air maigheach 's thiiit i ; thug e 'n
craiceaun dhi, 's leig e air falbh i. Kinn e mar sin air a dha-dheug ;
thug e 'n craiceann diubli 's leig e air falbh iad, agus mu dheireadh,
thainig maigheach mhor bhròagha, 's loisg mi fein oirre, 's thug mi 'n
craiceann dhi, 's leig mi air falbh i." " Moire, cha 'n 'eil do cheist
duillich f huasgladh òganaich," thuirt an ridire, " tha sin ag inns-
eadh gun do luidh do ghille le da mhaighdean dheug mo nighinn-sa,
agus thu fein le mo nigliean 's gu'n d' thug sibh na Ic'intean dhiubh."
Sin agad do thoimhseachain mo ghille maith, agus feuma tu' posadh."
Agus se sin a rinn iad 's banais mhor, ghrehdhmach a mhair latha 's
bliadhna. Dh' f halbh am fear a b-oige dhachaidh an so, 'n uair a
f huair e a bhrathair co maith air a dhoigh, 's tliug am brathair bu
sine dha na h-uile coir air an rioghachd a bha aig an tigh. Bha
dliith do dh' f hearann ridiie nan Ceist triiiir f hamhairean, agus iad
daonnan a' mort 'sa' marbhadh cuid do dhaoine an ridire, 'sa tabhairt
uapa spuill. Latha do na laithean, thuirt ridire nan Ceist ri
chliamhuinn, na 'm biodh spiorad duiu' ann, gu'n rachadh e a mharbh-
adh nam famhaireaa. Agus 's ann mar so a bha, dh' fhalhh e, 's
choinnich e na famhairean agus thainig e dhachaidh le ceann
nan tri famhairean, 's thilg e iad aig casan an ridire. " 'S òlach
tapaidh thu gu 'n teagamh, agus 'se is ainm dhuit na dheigh so,
Gaisgeach na sgiath baine." Chaidh ainm gaisgeach na .sgiath baine
am fad 's an goirid. Bha brhthair gaisgeach na sgiath baine anabarr-
ach laidir, tapaidh, agus gun f hios aige co e gaisgeach na sgiath
baine, smaoinich e gun rachadh e dh' f heuchainn cleas ris. Bha
gaisgeach na sgiath-biiine' a' gabhail comhnnidh air fearann an
f hamhair a nis, 's nighean an ridire leis. 'llihinig a bhrathair 's dh'
iarr e comlnag a dhèanarah ris. Thòisicli na fir air a' cheile, agus
thug iad air gleachd bho mhaduinn gu feasgar. Mu dheireadh thnll
'n uair a bha iad sgith, fann, 's air toirt thairis, leum gaisgeach ua
sgiath biiine am Baideal mòr, 's dh' iarr e air coinneachainn ris sa
mhaduinn. Chuir an leum so am fear eile fuidh sprochd,'s thubhairt
e, "Math dh' fhaoidte nach bi thu co subailte mu 'n am so am
mkireach." Chaidh am brhthair og a nise do bhothan beag, bochd a
bha dliith do thigh gaisgeach na sgiath-baine gu sgith, airsnealach ;
agus anns a mhaduinn, dh' iiraich iad an tuasaid agus thnisich gaisg-
each na sgiath-baine air dol air ais, gus an deach e 'n coimhir a chiiil
ann an abhuinn. " Feumaidh e gu' bheil cuid do m ' f huil annad mu 'n
deanadh tu so ormsa." "Co 'n fhuil da 'm bheil thu?" thuirt am

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence