Skip to main content

‹‹‹ prev (477)

(479) next ›››

(478)
,326 WEST HIGHLAND TALES,
Dli' fheoraich e dheth ciod bu nòs dha. Thuirt e gu'n dèanadh
e cleasachd.
" Tha cleasaichean agam fein ; theid sinn a dli' amharc orra."
" Tha mi glè dheònach," ars' an Ceabharnach.
"Nochd do chleabachd/' ars' an Seathan mòr," ach am faic
sinn e. Chuir e tri stràbhan air cùl a dlmirn agus sbèid e dheth
iad.
" Na 'm faigbinn-sa," orsa fear de gbillean an righ," leith
cliiiig mhairg, dbèauainn cleasachd a b' fhearr na sin.
" Bbeir mise sin duit," ars' an Ceabharnach.
Chuir e tri stràibhean air ciil a dhùirn, agus dh' fhalbh an dora
maille ris na stràibhean.
"Tha thu goirt, agus bidh tu goirt," ars' a mhaighstir. " Mo
bheannachd air an h'limh a thug dhuit e."
•' Ni mi cleasachd eile dhuit," ars' an Ceabharnach.
Rug e air a' chluais aige fein, agus thug e tarruinn oirre,
"Na 'm faighinn-sa leith chùig mheirg," arsa fear eil' de
ghillean' an righ, " dhèannain cleasachd a b' fhearr na sin."
" Bheir mise sin duit," ars' an Ceabharnach.
Thug e tarruinn air a chluais, 's thàinig an ceann leis a chluais.
" Tha mi 'falbh," ars' an Ceabharnach.
"Cha 'n fhàg thu mo chuid daoine-sa agam mar sin."
"Tha mi 'dol a thoirt sgriob feadh Eirinn ; ma thig mi 'n
rathad chi mi iad, agus mar d' thig biodh iad mar sin agad fein,"
ars' an Ceabharnach.
Dh' fhalbh e agus thachair e air duine 'bualadh ann an sabhal,
agus dh' fheoraich e dheth am b' urrainn 'chair a chumail suas.
" Cha mhòr nach b' uilear dhonih e," ars' am fear bualaidh.
" Ni mis'," ars an Ceabharnach, " duine saor dhiot ri d' bheò.
Tha dithis de ghillean do mhaigstir, 's fear 's an dorn dheth, agus
fear eile 's an ceann deth ; falbh thus' agus cuir orr' iad, 's ni do
mhaighstir duine saoibhir dhiot ri d' bheò."
"Co leis a bheir mi beò iad ? " ars' am fear a bha 'bualadh.
"Gabh bad fodair ; turn ann an uisg 'e, crath orr' e, agus ni
thu 'n leigheas," ars' an Ceabharnach.
Dh' fhalbh e, agus thainigegu fear chùigeamh Mhumha, duine
mosach nach fuilingeadh do dhuine 'dhol rathad a thaighe ; gu
h-àraid an uair a bhiodh e 'gabhail a bhidhe. Bha dha dheug a
luchd-thuadhan air a' gheata 'muigh ; a dha dheug a luchd-
chlàidhean air a' gheata 'staigh ; dorsair air an dorus mhòr.
Chunnaic iad òglach a' tighinu ; a dha ghualainn trid a sheann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence