Skip to main content

‹‹‹ prev (476)

(478) next ›››

(477)
EACHDRAIDH A' CHEABHAKNAICH. 325
O Domhnuill, dha air chomain a bhriathraibh fein. Dh' fheòràich
O Domlinuill deth ciod bii nòs da. " Dhèanainn clàrsaireachd,'
ars' an Ceabharnach. " Tha da fhear dheug agam fhèin," ars' O
Domhnuill, " 's theid sinn a shealtainn orra." " Tha mi toileach
sin a dheanamh," ars' an Ceabharnach.
An uair a chaiilh iad a steach dh' iarr Domhnuill orra
tòiseachadh, 's thoisich iad. " An cual thu ceòl riamh, a
Ceabharnaich a 's brèagha na sin ?" ars' O Domhnuill. " Thàinig
mi seachad air Ifrinn ; 's cha chuala mi sgread innte 's gràinnde
na sin !" ai-s' an Ceabharnach.
"An seinneadh tu fein cruit, a Cheabharnaich," ars' O
Domhnuill.
"So a sheinneadair ! — agus cò nach seinneadair ! ! ars' an
Ceabharnach !
"Thugaibh cruit dha," ars' Domhnuill.
" Is math a sheinneas tusa cruit ! " ars' Domhnuill.
" Cha'n ann mar thogras tusa, ach mar a thogras mi fein ; oir
is mi 'tha 'g obair," ars' esan.
Chuir ceòl a Cheabharnaich na-h-uile clàrsair a bh' aig O
Domhnuill 'na chadal.
" Bithidh mis' a gabhail slàn leat," ars an Ceabharnach ri
Domhnull.
" Cha dean thu sin ormsa," ars' Domhnuill ; " feumaidh tu
mo dhaoine 'dhùsgadh."
"Tha mi 'dol a thoirt sgriob feadh Eirinn," ars' an Ceabhai-
nach ; "ma thig mi 'n rathad chi iad, agus mur d' thig biodh
iad mar sin agad fein."
Dh' fhàg se e agus thachair e air fear a buachailleachd.
"Tha clàrsairean do mhaighstir 'nan cadal," ars' an Ceabhar-
nach ris a' bhuachaille," agus cha dùisg iad gus an dùisgear iad.
Falbh thus' agus dùisg iad, 's gheibh thu na ni duiue beartach
dhiot."
" Cionnus a ni mi sin ? " thuirt am buachaille.
" Gabh bad de'n fheur sin, agus turn ann an uisg' e, agus crath
orr' e, 's dùisgidh tu iad," ars' an Ceabharnach. Dh' fhàg e'n
duine, 's ràinig e Seathan mòr Mac an larla, tri mile deug an
taobh siar de Lumraig.
Chunnaic e òglach a' tighinn. Bha 'dha ghualaiun trid a
sheann suanaiche, a dha chluais trid a sheann aide, a dha bhròig
làn a dh' uisge fuar, ròdanach, tri troidhean dhe 'n chlaidheamh
air an taobh siar dhe thòin, an dèigh dh'an scabard teireachdainn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence