Skip to main content

‹‹‹ prev (355)

(357) next ›››

(356)
204 AVi:ST HIGHLAND TALES.
Cat a glilaodh fein ; agus an Coileach a ghlaodh fein ; agus
an Gèadh a ghlaodh fein." Leis sin thug iad aon ghàir asda.
An uair a chuala na meairlich a' ghàir a bha muidh shaoil
iad gun robh an donas ann, agus theich iad amach, agus dh'
falbh iad do choille a bha dlùth daibh. An uair a chunnaic am
Peata ban agus a chuideachd gun robh an tigh falamh 'chaidh
iad a stigh, agus fhuair iad an t-airgid a bha aig na meairlich
'ga chunntas, agus roinn iad eatorra fein e. 'An sin smuain-
tich iad gun gabhadh iad mu thàmh. Thubhairt am Peata
ban, " Caite an caidil thus' an nochd a Thairbh." "Caidlidh
mise," ars' an tarbh, "ciil an doruis far an àbhaist domh."
" Caite an caidil thu fein a Pheata bhàin ?" "Caidlidh mise,"
ars' am Peata ban am meadhan an ùlair far an àbhaist domh."
" Caite an caidil thus' a Choin ?" ars' am Peata ban. " Caidlidh
mise taobh an teiue far an àbhaist domh," ars' an Cù, "Caite
an caidil thus' a Chait?" "Caidlidh mis'," ars' an Cat, "ann
am preas nan coinnleaun far an toil learn a bhith." " Caite an
caidil thus' a Choilich ?" ars' am Peata ban. " Caidlidh mise,"
ars' an Coileach, " air an spàrr far an àbhaist domh." "Caite
an caidil thus a Gheòidh ?" " Caidlidh mise," ars' an Gèadh air
an dùnan far an robh mi cleachte ri bhith."
Cha robh iad fada air gabhail mu thamh an uair a thill fear do
na meairlich a dh' amharc a stigh feuch am moicheadh e an robh
aou sa' bith 'san tigh. Bha na uile ni sàmhach agus dh' ealuith e
air aghaidh gu preas nan coinnlean airson coinneal a lasadh e
dheanadh soluis da, ach an uair a chuir e làmh 'sa bhocsa shàbh
an cat inean na laimh, ach thug e leis a' choinneal agus dh' fheuch
e ri 'lasadh. An sin dh' eirich an cii agus chuir e earball ann am
poit uisge bha aig taobh an teine ; chrath e eaiball agus chuir e
as a choinneal. Shaoil am meairleach an sin gu robh an donus
'san tigh agus theich e ; ach an uair a bha e dol seachad air a'
Pheata bhàn thug e buille dha ; mun d' fhuar e seachad air an
tarbh thug e breab dha ; agus thòisich an coileach air glaoidhich ;
agus an uair a chaidh e mach thòisich an gèadh air a ghreadadh
le 'sgiathan mu ua luirguean. Chaidh e don choillidh far an
robh a chompanich, co luath 'sa bha 'na chasan. Dh' fheòraich iad
dheth cia mar chaidh dha. "Cha deachaidh," ars' esan, "ach
meadhonach ; an uair a chaidh mi gu preas nan coinnlean bha
fear ann a shàth deich sgeanan ann am laimh, agus an uair a
chaidh mi gu taobh an teine a lasadh na coinneal bha fear mor,
dubh 'na luidhe ann a bha spreadadh uisge urra 'ga cuir as, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence