Skip to main content

‹‹‹ prev (354)

(356) next ›››

(355)
SGEULACHD A PHEATA BHAIN. 203
peata ban, "a' falbh a dh' iarridh an fhortain, bha iad a' dol a
m' mharbhadh a dh' ionnsuidh na Nollaig agus smuaintich mi
gum b' fheàrr domh teicheadh." " S' feàrr domhsa ars' an
Tarbh falbh leat : oir bha iad a' dol a dhianadh a leithid eile
ormsa." " Tha mi toileach, " ars' 'm Peata ban ; jnar is mo a'
chuideachd 'sann is fheàrr 'n làn-aidhir. " Ghabh iad air 'n
aghaidh gus an do thachuir Cù orra. """Failte dhuit a Pheata
bhàin," ai's' an Cu " Failte dhuit fhè' 'choin." " Càite 'm bheil
thu a' dol ? " ars' an Cu. " Tha mi aig teicheadh bho 'n a chuala
mi gun robh iad a' bi-ath mo mharbhabh air son na Nollaig."
"Bha iad a' dol a dhianadh a leithid cheiidna ormsa," ars' an
Cu, " agus falbhaidh mi leibh." " Thig," mata ars' am Peata
ban? Dh' fhalbh iad an sin gus an do chomhlaich Cat iad?
" Failte dhuit a Pheata bhàin ars' an cat. Failte dhuit fhè' a
Chait." " Caite am bheil thu a' dol ?'■ ars' an Cat. " Tha mi
a' dol a dh' iarridh an fhortain," ars' am Peata ban, "a chionn
gu'n robh iad a' dol am' mharbhadh air an Nollaig." " Bha iad
aig iomradh air mise mharbhadh cuideachd," ars an Cat, " agus 's
fèarr dhoinh falbh leibh." " Thugainn mata," ars' 'm Peata ban.
Ghabh iad an sin air an aghaidh gus an do choinnich Coileach
iad. " Failte dhuit a Pheata bhàin," ars' an Coileach. " Failte
dhuit fhè'," ars' am Peata ban. " Caite," ars' an Coileach, " am
bheil thu a dol ? " " Tha mi," ars' am Peata ban, " a' falbh o 'n
a bha iad a mòidhadh mo mharbabh aig an Nollaig." " Bha iad
a' dol am' mharbhabh-sa aig an am cheudna," ars' an Coileach,
"agus theid mi leibh." "Thig mata," ars' am Peata ban.
Ghabh iad air an aghaidh gus an do tbachair giadh orra. " Failte
dhuit a Pheata bhàin," ars' an gèadh. "Failte dhuit fhe' a
gheoidh," ars' am Peata ban. " Caite am bheil thu a dol ? " ars'
an gèadh. " Tha mise," ars' am Peata ban, "a' teichadh, a chionn
gu 'n robh iad a dol am' mharbhadh aig an Nollaig." " Bha iad
a dol a' dheanadh sin ormsa cuideachd," ars' an Gèadh, "agus
falbhaidh mi leibh." Ghabh a' chuideachd air an aghaidh gus
an robh an oidhche 'teannadh orra, agus chunnaic iad solus beag
fada bhuatha 's ge b' fhada bhuatha cha bh' fhada 'ga ruigheachd.
An uair a ràinig iad an tigh, thubbairt iad ri 'cheile gun anihair-
ceadh iad a stigh air an uinneag a dh' fhaicinn co a bha anns an
tigh ; agus chunnaic iad meairlioh a' cunntas airgid ; agus
thubhairt am Peata ban, " Glaoidhidh na uile aon aguinn a
ghlaodh fein ; glaoidhidh mise mo ghlaodh ; agus glaoidhidh an
Tarbh a ghlaodh fein ; glaoidhidh an Cii a ghlaodh fein ; agus an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence