Skip to main content

‹‹‹ prev (126)

(128) next ›››

(127)
I09
Bhi reic ar n-àimeis
'S ar n-àite tàimhe,
'S e dh' fhàg 'ur càirdean
Gu tursach trom ;
'N a' bheil an làrach dhiubh
Falbh am màireach,
Gun dad a dhàil
Ach gu 'n tig an long.
'S i Ghearmailt uaimhreach
A dhearbh 'ur cruadal,
Rinn Alba chuartach'
Le cruas 'ur lann ;
B' e dreag bhur nàmhaid
Sibh sheasamh làidir,
An cinn bhi geàrrta
'S an cnàmhan pronn.
'S ma 's e 'n cruadal
Bha dhuinn an dualchas
Gu 'n d' leig sinn uainn e
'S ar guallain fann
Sinn nis nar tràiUean,
Ma thig a nàmhaid
Gur lag ar pàirt dhiubh
'S ar n-àireamh gann.
Lc mheud 's tha mhiann orni,
'S tha rim air m' inntinn,
Cha 'n eol domh innse'
Bho cheann gu ceann :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence