Skip to main content

‹‹‹ prev (125)

(127) next ›››

(126)
io8
Leis 'na' dh' fhalbh a cheud uair
'S na bheil gu triall dhiubh,
Ri iiine bliadhna
Cha 'n fhiach sinn plang.
Dhubh na speuran,
Gu 'n d' dhubh na reultan,
Dh' fhalbh teas na greine
Cha 'n 'eil e ann.
Thig croisean saoghalta
'S dosgaidh dhaoin' oirnn,
'S ann their gach aon fhear
Tha 'n taod cho teann.
Tha chilis ra 'r n-aodann
Cho cruaidh 's a dh' fhaodas,
'S a' fearann daor oirnn
Gun saorsa plang ;
Tha 'n t-sid air caochladh,
Le gaoith 's le caonnaig,
'S an tuil air aomadh
Bho thaobh nam beann.
Ar daoine finealta
Socair, siobhair,
'N robh pailteas riomhaidh,
Gun stri, gun staing ;
B' e mais' 'ur beusan,
Bhi sgaipteach gleidhteach,
Bhi tapaidh, treubhach
Gu cur 'n a cheann ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence