Skip to main content

‹‹‹ prev (111)

(113) next ›››

(112)
94
Cha d' shàbhail fear as a cheud diu,
"S ghleidh sibh fein bhur cuid gus an diugh.
Na fir thaobhgheal 'b' fhaobharach guin,
Luaidheadh aodach caol agus tiugh ;
Cloithean màdair 's càrnaid 'nan cur.
Ri linn Alasdair 's Mhontròis,
Bha sibh 'n 'ur caithream an Lochaidh ;
Bu ghleusda, baranta, Dòmhnull,
Leomhann crò 's an torachd a muigh.
Bha 'ur naimhdean diolta dhe 'r cluich ;
Thug iad maoim a mach air a' mhuir,
Broinn air bhroinn a' ruith leis an t-sruth,
B' iomadh fear-cleoc' agus abaid,
Bha chòta cho fliuch r' a chais'eart,
Fòghlum an t-snàimh' nach robh aige ;
x'\ir an aigeal luidh iad air ghur.
Cha robh daol a' faochnadh an cuirp ;
Oir bha 'n aodach, caol agus tiugh,
Ni nach b' ioghnadh, aognuidh 's e fliuch.
La eir ann an Coille-chnagaidh,
Dh' fhalbh Mac-Aoidh 's gu 'n dh' fhàg e 'bhaggage,
B' fheumail an gniomh rinn an t-each dha,
Air na bh' aige chuir e droch bhuil.
B' iomadh sonn a b' fhonnmhoire guth,
Bh' air Raon-Ruaraidh 's fuaran o 'n cuirp,
Cinn 'us gruagan luaidht' ann am full.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence