Skip to main content

‹‹‹ prev (110)

(112) next ›››

(111)
93
'S e Claim Raonuill bhoiUsgeadh mar thuil,
'N àm na caonnaig chraosgladh iad fuil ;
Fearg 'nan aodann 's b' aognuidh an cruth.
C' àite an robh iad riamh ri 'n àireamh,
'S iad 'nan seasamh ri h-uchd nàmhaid,
H-aon a bhuadhaich air Clann Rà'uiU^?
'S iomadh arfhaich 's an d' rinn iad bruth.
Le 'n gaoir-chatha farum an uilc ;
Cinn 'g an sgathadh, snaidheadh air cuirp ;
Luaidhe treabhadh domhain troimh 'm fuil.
C' àite an cualas riamh ri 'n àireamh,
'S iad 'nan seasamh air cìil Spàintich,
H-aon a bhuadhaich air Clann Rà'uill,
Gnùis gun fhàillinn, stàilin mar stuth ;
Dream gun eagal, 'sheasadh roimh 'n trup ;
Cruaidh, gu fearail, tarruing air stuic ;
Stialladh ghearran 's fhear air am main.
Bha Clann Rà'uiU treun aig 'Arla ;
'N uair 'bhrosnuich Lachlann am bàrd iad,
Sheas iad dìleas mar an stàilinn
Gus an robh 'n nàmh toileach air sgur.
Na fir àluinn àireamh dhiu thuit,
'S cha bu nàr dhoibh tràghadh air fuil ;
'S b' iomadh àrmunn 'bhàsaich le guin.
An cuimhne leibh latha Blàir-Leinne ?
Bha na Frisealaich 'nan eiginn,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence