Skip to main content

‹‹‹ prev (263)

(265) next ›››

(264)
252 CONLAOCH IS CUTHONNA.
Mus tuit mi an tigh chaol gun chàil ?
OISIAN.
Chi thus, a ghlan òigh, do i ùn fèin ;
Tha astar an trèin air a' chaol,
Bàs Thoscair a'dorchadh m'a shleagli.
Tha lot, is e duhh, ann a thaobh,
Gun tuar e aig tonna nan uamh,
Is e feuchainn a chruth is e baoth.
C'ait'am bheil thu fèin le d'dheòir,
'S ard thriath na Mòrai gu bàs ?
Thrèig an aisling ghlas mo chliabh ;
Cha 'n f haic mi na triatha ni 's mò.
A bharda nan àm a tha gun triall,
Cuiribh cuimhn' air Conlaoch le deoir,
Thuit an gaisgeach roimh iomall a lài ;
Lion dorcha a thalla le bròn.
Sheall a mhathair air a sgiath air balla;
A's bha snàmli na fala 'ga còir.
B' aithne dhi-sa gu 'n thuit thu, a thrèin ;
Cliualas a gutli fo bheud am Mòra.
Am bheil thu, òigh, gun tuar gun fheum
Air taobh gaisgeich nam beum, Chuthonn?
Tha oiche tighinn ; tillidh ghrian
Gun duine gu 'n toirt sios gu 'n uaigh;
Tha thusa cur eunlaith fo f hiamli ;
Tha do dheura mar shìan mu do ghruaidh ;
Tha thu fhèin mar nial a's e glas,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence