Skip to main content

‹‹‹ prev (70)

(72) next ›››

(71)
67
'S buan air chuimhne bhios an euchdan,
Daingean mar na slèibhtean àrda ;
Is dh' aindeon mì-mn luchd na Beurla,
Mairidh spèis do dh' fhir na Gàidhlig.
XI.
Tha 'n f hèile eireachdail ri fhaicinn
Air sàr ghaisgich fo 'n làn armachd ;
'N uair a chkirear suas gu ceart i
Fo chaomh bhreacan nam ball meanbh-bhreac ;
Bu mhiann sùl le Bàn-righ Bhreatiunn,
A bhi dearcadh ri fir a' meamnadh;
'S chaoidh cha d' thèid an cliiì à cleachdadh,
Chionn gu 'n robh am beartan ainmeil.
XII.
Tha 'n fhèile miadhail anns gach cuideachd,
Tha i urramach 's gach cò'dhail,
Tha i measail aig daoine-uaisle,
'S gu bheil clann na tuath an tòir oirr' ;
*S iomad baintighearn ghlan, speiseil,
Thagh dhoibh fèin mar chèiHdh-phòsda,
Fleasgaich fhìnealta, fo fhèile,
Ged nach cunnta an sprèidh no 'n stòras.
XIII.
Tha 'n f hèile maith gu siubhal garbhlaich,
Am bhi sealgaireachd air mòintich ;
Ann am frìdh nan cròc-dhamh dearga,
Bu neo-chearbach air an tòir i ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence