Skip to main content

‹‹‹ prev (69)

(71) next ›››

(70)
66
'N amhach chaol gu tric an sìneadh,
Slaodadh bhìathain às na bachdaibh ;
'S chuireadh sealladh ghnìiis an fhìr-eòin
Fichead mìle dhiubh gu gealtachd.
YIII.
Thug thu oidheirp nach robh tìirail,
'S beag a nochd thu dh' iiil ad sheanachas ;
Dh' fheuch thu ris na Gàidheil a rusg',
O èididh dhiithchasach na h-Alba ;
Ged a rinn do theangadh lìibadh,
Choisinn barrachd diomb 'us fearg dhuit,
Chaoidh cha 'n fhaic thu, le do shìiilean,
Miann do riiin air luchd nan Garbh-chrioch.
IX.
'S an fheil' bhuaidheach, chuachach, phleatach,
'S lìonmhor tlachd a tha 'g a leanmhuinn,
'S urramach an dream d' am buin i ;
Laoich chumadail, ro dhealbhach ;
'S eadar-dhealaichte iad 'n an aogas,
O na daormuinn aognuidh, sheargta,
Air am bitheadh na briogais chaola,
Sios ma 'n aobrainnean gu cearbach.
X.
'S meirg a chuireudh sios an fhèile,
'S gur i èididh nan treun Ghài'eal i ;
Earradh urramach na Fèinne,
Fir 'bha treubhach anus na blàraibh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence