Skip to main content

‹‹‹ prev (59)

(61) next ›››

(60)
56
Nualan ris na stùchdan ceò-mhor
'S 'n uair a lìonar thu le cùram
'S fear do stiùraidh bhi gle dheònach
Bhiodh do threubhantas r'a chunntadh
'S fuil air ùdlaiche na cròice.
RANN DO CHAILLEACH NA BEURLA.
I.
O sibhse 'bha 's a' Chlachan,
'N do mhothaich sibh ' chailleach,
A bha 'n cathair na Dalach,
Ann an earradh ro àilt ;
Gnùis-bhrat mìn-gheal, mar chanach,
Air cumadh lìn an sgadain,
Mu mhulach a h-aide
'S a' falach h-àillteachd ;
Bha usgraichean daor',
Air a gàirdeanan caoine,
Bu choltach a h-aogas,
Ri faoilinn na tràighe,
Gùn lìth-ghorm, sìoda,
M'a slinneanan mìne,
A' cealach' a cìchean,
'S cumail dìon air a bràghad.
J

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence