Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
16
Cha ghabh i samhlachadh ri m' chiall-s',
Cha'n'eil i trian am bòidhchead dhi ;
'S tu reult-iùil os-cionn nan nial,
Tha miaghail aig gach seòladair,
A'deàlradh anns an àird-an-iar,
'S iad 'g earbsa triaii de'n eòlas riut.
XY.
'Us ged do chuir mi cuibhrionn sìos,
A rèir mo mhiann, an òrdugh dhuit,
Cha chuirinn crìoch, a chaoidh, le rian,
Ach gann, air trian de do dhòighnean ;
Ach f hir, a dh' imicheas rau 'n cuairt,
Na ceil mo dhuan, ach f'òghlum e,
Do'n mhaighdinn, a chunnaic mi Dì-luain,
Anns a' ghleann uaine, neòineanach.
ORAN DO PHACHD CHLIUDAIN.
I.
Bha marsanta, roimh so, siubhal na dùthcha,
Ris an canadh iad Cliùdan,
'S b'es' an giìigairneach tàireil,
A chiabhan air glasadh, 's a bhathais air riisgadh ;
Croit air a chìilthaobh,
'S a shùilean gun f hàbhrainean ;
Gun bharr-iall na bhrògan,
Gun dòigh air an teannachadh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence