Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
15
No mar fhaoilÌDn, 'thig o'n tràigh,
Gun d'thoir thu bàrr am boidhchead orr' ;
No mar èidig ghil nan càrn,
'N uair tharladh tu air mòintich orr' ;
No mar chanach an cois cà'ir ;
No sneachd bàn air mòr-bheannan.
XII.
Do chalp' geal-ghlan, cuimte, garbh',
Air dealbh a' bhradain shàile ;
'S an troidh, gun chearb, a's fbirmeil' falbh,
Nach dochunn calg nan àileanan,
Am bròig phiollaich, dhuibh, o'n bhùth,
Thèid ginidh 's crùn a phàigheadh oirr' ;
An àm do dh-fhidhioll chur air sunnd,
Bu ghrinn air ùrlar-clàraidh thu.
XIII.
Mar choinneil chèir' an coinnleir òir,
Air bòrd 's i deanamh deàlradh dhuinn,
Tha fiamh na h-òg-mhna, a's blasda glòir,
Am bòidhchead 'us an àilltealachd ;
No mar dhaoimean am measg òir,
Am bòidhchead, bheir thu bàrr orra.
No mar Hli air na lòintean,
Tha còrr an àillteachd orr'.
XIY.
'S ge h-èibhinn leibh a dheàlras grian,
Air sliabh ri maduinn cheòbhanaich,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence