Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
lOLAIRE LOCH-TREIG. 37
m' aithne 's m' eòlais ; agus ma ni thu guth
aige 's an dol seachad, innis dha f àth do thuruis
agus gu'm fac' thu mise ; 's mur d' thàinig
caochladh air, ni e do làn di-beatha." Dh'
aithris e 'n sin di gnothuichean àraid a thachair
ri Hnn nan triath bu chuimhne leis am faicinn,
mu èuchdan a shìnnsrean agus mu bhuil a
mhuirichinn. An uair a bha iad ag gabhail
" maduinn mhath " le chèile, dh' earb is dh'
earail e oirre tadhal aige an ath uair a bhiodh
i togail oirre do Choill-Innse, 's fhuar i 'n
t-ùdlaiche 'na chrùban am fasgadh seann stuic-
f heàrna agus spideannan deigh le cuinneannan
a shròine.
Chuir i fàilte na Bealltuinn air, agus dh'"
innis i fàth a turuis : " Am fac' thu riamh,"
ars ise, " Oidhche-Bhealltuinn cho fuar
ris an oidhche 'n raoir ì " Bha'n t-ùdlaiche:
cho sean 's gu'n do " leig e'n cabar air an
t-slinnean ; " ach thuirt e air a mhin-athais
nach bu chuimhne leis gu'm faca riamh.
Fhuair i gu faoilteach, furanach e, agus
dh' fhiosraich e gu coibhneil mu'n ghobha
dhalL Thug iad an sin treallan air seanchas
agus air sloinnteireachd, 's bha'n iolaire dol

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence