Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
36 lOLAIRE LOCH-TREIG.
'san innean ag glanadh a ghuib. Chuir i
failte na Bealltuinn air a' ghobha, 's dh' innis
i fàth a turuis : " Am fac' thu riamh," ars ise,
" Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidh-
che 'n raoir ì " Thug an gobha glaomadh
bochd air fhèin, 's thuirt e nach faca riamh,
agus nach cual' e iomradh air a leithid ; ach
gu'n robh seann ùdlaiche, bho chionn chan'
eil f hios c'uin', a' tathaich Choill-Innse ; 's
gu'n robh a chalg air Hathadh leis an aois
bho'n a bu chuimhne leis-san a bhi 'na bhùta
beag a' sgiathais air feadh nam preas. " Bu
tric leis ùine 's aimsir 'na dhèidh sin," ars
esan, " tighinn a nall air chèiHdh orm a chur
seachad na h-oidhche faide Geamhraidh,
agus a thoirt sgeòil domh air cor na dùthcha :
ach sguir sin. An turus mu dheireadh a
bha e bhos, bha'n aois cho tròm iar laighe
air, 's gu'm beil eagal orm nach 'eil e 'n
urrainn gluasad mòr a dheanamh. Thug
sinn cho fad an coimhearsnachd a chèile, 's
gu'n dean mi, mar a thuigeas tusa, sogan ri
a sheann langan, tùchanach mar a tha, an
uair a chluinneas mi e 's a' chamhanaich.
Is e creutair a's sine tha lathair an diugh fad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence