Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
15
35. Bheirteadh tairgse de Chriosd doìbh,
Chum gu-m faigheadh iad sith ann,
'S gu-m biodh iad sona gu siorruidh,
MaiIIe ris-san 'na rioghachd ;
Oir nan deanadh iad striochdadh,
Agus g^illeadh do losa,
Bhiodh e fein doibh mar dhidean,
Mar ionad-folaich ro chinnteach,
Ann an doininn 's an siontaibh a' gheamhraidh.
30. B"e thoil-inntinn 's a shòlas
Bun us bàrr a chuid còmhraidh
An t-slàinte shaor agus ghlòrmhar
Tha Criosd a' tairgse gun òr dhuinn ;
B'e 'n soisgenl beannaicht' a cheòl-san,
Crioch us toiseach a sgeòil-san ;
Fhuair e tuigs' agus eòlas
Air an diomhaireachd mhòir sin
Dia iar fhoillseach san fheòil ann 'nar nàdur.
37. Is ioniad oidhch' agus latha
Thug e 'na aonar a' cairis,
A sheòmar dùint' agus glaiste,
Nuair bhiodh càch ann 'nan cadal,
Spàirn ro chruaidh ann 'na anam
Le dian-ùrnuigh a' gleachdadh,
A' guidh' ri Dia anns na flaitheis,
Gun dòirteadh esan a bheannachd
Air a shaothair, 's gu-n leanadh a ghràs i.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence