Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
14
32. iVuair a bhiodli iad làn aolbhneis,
Leis an aighear a' dannsadh,
Chuireadh esan 'nan cuimhne
Ann am briathraibh ro chaoimhneil,
Gu-n tigeadh fathast dubh-oidhche
Agus trioblaidean claoìdhteach,
A chuireadh sraal agus duibhre
Air an sòlasaibh boillsgeach,
'S gu-m b'ion doibh cairis mu-n caill iad an dòchas,
33. Nuair bhiodh e labhairt mu'n t-saorsa,
Choisinn losa do'n t-saoghal,
Meud a ghlòire 's a ghaoil-san,
Meud a thròcair' do dhaoinibh,
Chiteadh gean agus faoiheas
Le fìamh-ghàire 'na aodunn,
Dealradh maiseach ro naomh ann,
Cur ghathan soluis gach taobh dheth
IMar a chunncas air Maois anns an fhàsach.
34. Ann an cronachadh peacaidh
Bha e leòmhanta, smachdail,
Dileas, càirdeil us spreigeil,
'S a ghaol do anmaibh ri f haicinn ;
Oir b'e mhiann us a thaitneas,
Daoine truagh chur 'nam faicill,
A chum am pilleadh o sheachran,
Mun tigeadh Bàs gus an giacail,
'S iad' neo.iompaicht', gun atharrach' slàinteil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence