Skip to main content

‹‹‹ prev (215)

(217) next ›››

(216)
193
A's chi na buachaillean gacli cruaidh dhruim fàis
Ur-bhog le feur, 's le liligh 's ceutaich' bàrr.
Le ioghnadh eibhinn eisdidh iad ri toirm
An uisge 'stealh'aich feadh nan craim-chreag garbìi.
Mu nead na nathrach bàis bu chràiteach beum,
Tha 'chuilc air chrith, 's an kiachair thric 'na deigli.
Sa' ghleann bha fàs fo bhàrr do'n sgitheach dhoirbh
Tlia'm bocsa grinn, 's an giubhas sniomhain gorm.
An àite chuiseag sheisg, a's luibhean searbh,
Ni miortal fàs, 's am pailm a's àillidh dealbh.
Bidh iarmad sgrios a' mhadaidh-alluidh ghairg,
'S na h-uain 'nam measg ag ith' air slios gach leirg:
CaiUidli an tiger guineach, ciùrrach, 'fhearg,
'S an srèin nam flùr do chloinn cha diùlt e ìalbli :
Ni'n damh 's an leòmhami san aona phrasaich tàmh,
'S bidli nathair gun bheum ri cois fir-chèilidh tlàth.
Togaidh an leanaban cìche 'bhe'isd o'n làr,
'Si bheithir bhreac a chleachd an ruinn-ghath bais ;
Le gàir thoil-imitinn chi e lith nan lann,
'S m'an teangaidh ghòbhlaicli cluichidh 'n t-òg giui
fheall.
A Bhan-righ Shaleim! àrduich glòir do chrùin!
'Am mòrachd t'uaisle tog a suas do shùil I
A'd' chùirtibh rioghail seall na milte slòigh,
'S na h-àil nach d'thàinig, 's àill leo teachd a' d'
chòir !
Tha linn air Hnn a' tairgs' am breith gun dàil,
Gun f husgais gus am faic iad soills' an là !
An sHochd gun chùnntas seaH tu dùsgadh suas,
Thoirt modh do'n Ribhinn àigh is àinidh snuagh !
Gabh beachd air feachd nan rioghachd fad o làimh,
Air ghlùinibh lùbt' ag ùrnuigh 'd theampuH àigh !
'S na ceudan righ a' tuiteam sios gu dlùth,
'S gu'n diol iad iobairt cheart do Thi nan dùl 1
Nach seaH, tha 'n kichd th'air t'aHahibh gun smal,
Do'n spiosraidh phriseil thig o'n àird-an-ear !
Tha dosraich Edoim dhuits' a' seideadh blàth,
'S do dhearg an òir tha sleibhtean Ophir làn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence