Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
28
chumail a macli fo 'n t-samhladh shòlasach air
Sàbaid do shuaimhneas siorruidh. Tha i air a
naomhachadh le'r n-uile uireasbhuidh spioradail san
t-saoghal so, agus le'r dòchas ri sonas san t-saoghal
a ta ri teachd. Uime sin na mi-naomhaichibh i.
Builichibh i gu dùrachdach chum na ceann-criche
airson an do chuireadh air leth i. Seachnaibh gach
obair shaoghalta ghabhas cur seachad no dh'fheudar
air dòigh sam bith a slieachnadh. Na smaoinichibh
air feala-dhà no faoin-shùgradh. Caithibh an là
ann an saothair chràbhach — 'an leughadh nan
Sgriobtuirean, — a' còmhradh mu nithibh naomlia, a'
feitheamh air aoradh follaiseach — ri ùrnuigh dhiomh-
air — a' toirt fainear gu turail suidhichte cò sibh,
agus ciod mar bu chòir dhuibh a bhith — 's a' gnù-
thachadh gach cothrom a bhuilich am Freasdal
oirbh, chum cinneachadh ann an eòlas, ann an
diadhachd, agus ann an naomhachd.
Maduinn na Sàbaid.
Nach sàmhach maduinn cliiùin an latha naoimh !
Tha fuaim an t-saoghail balbh. Cha chluinnear fòs
Sa' bhuailidh luinneag, no an fliead air raon.
Tha'n speal 'na shineadh anns an fheur fo dhrùchd,
Na bliiithean maoth a' seargadh anns an spadh,
Ge b' ùrail ait iad anns a' ghaoith an de.
Cluinnear an fhuaim a's faoine, — eadhon srann
An t-seiUein mhoich, a's braona tlà an drùchd,
A's mèilich chaorach, 's iad air uchd an t-sleibli.
Tha fiath mar bhan-righ anns na speuraibh slmas.
Dhàsan tha macli air feadh nam bruachibh àrd,
Lon-dubh a' seinn ni's binne, air leis, o'n ghleann j
An riabhag dhirich i an diugh gu nòamh,
Le 'feadan ceòlmhor. Tha an t-alltan fe'in
Gu mjr ni's reidhe 'siubhal sios roi'n ghleann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence