Skip to main content

‹‹‹ prev (109)

(111) next ›››

(110)
102
Bhur n-anman gu buileacii, grad chuiribh air 'chùram,
'Us liubhraidh iad thairis 'n a ghlacaibh le durachd,
Cha 'n eagal a'm feasd dhiiibh, 'ns esan gu 'r stiuradh,
Ni sabhailt' 'ur gleidheadb, gus 'n teirig an ùin' dhuibb.
Air Fonn; — ''Owre tlie moor amang the heather.*
Thig, thig, a dhuin' le cabhaig,
Thig, thig, le ctiram anam,
Tiugainn, tiugainn, chum an t-Slànuighear,
'S la nan gràs, na dheann, dol seachad.
Tha thu ciontach, peacach, truaillidh,
Thug an saogh'l tha lathair buaidh ort,
Ann a'd thràill do 'n pheac' 's do 'n diabhol,
'S iad tha riaghladh ann a'd anam.
Tha thu ann an cunnart uamharr,
'N Ti is àird' tha e 'a 'n gruaim riut,
'Chionn 's gu bheil thu 'gàbhail grain deth,
'Us nach àill leat bhi g' a mhealltuinn.
Thig, thig, &c.
Ged tha thu coir 's pailt a'u stuamachd,
Measail, cliuteach, ann a'd ghluasad,
Tha an truaill'eachd ann a'd naduir,
Tha a ghràinealachd a'm falach.
Thu nam faiceadh stigh a'd chridhe,
Chitheadh uamhas cliuireadh crith ort,
'Bhiodh 'n a ioghnadh duit an còmhnuidh,
A bhi beò a bhos air thalarah.
Thig, thig, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence