Skip to main content

‹‹‹ prev (108)

(110) next ›››

(109)
101
Tha losa a' tighinn grad bhithidh 'n ur dusgadh,
G a f hailteach gu cridheal gu misneachail surdail,
Tha esan a'm fagus thoirt aiteas d'a ùr-bliean,
'S gach treubh tha air thalamh, 'n an anam gu lub dha.
Baoth Bhablon iiaibhreach tha truaillidh 'n a giiilan,
G'a aideach' le bilean, 's na cridhe cur ciil ris,
Ni nair thoirt a'm follais, 'n uair thogas e 'n rusg dhi,
Cuir lomnochd "n a seasamh thoirt beachd do gach sùil dhi.
Thaobh nair agus masladh, cha ghabh e dhuinn ggriidadh,
I ruisgte gun f hollach fa chomhair a shùilean,
'S a chionn bhi cho sgreamhail, ni sgeitheadh do 'n fhuirneas,
Far'm bi a geur-phiantan gu siorruith cuir smtiid dhiubh.
Tha losa, &c.
Lan aiteas bidh Sion n uair chi i an sraùid ud,
Breith-cheart air an striopaich, do Chriosd a thug dubhlan,
Oir bithidh an diobh'l a riamh bha ga stiuradh,
Air ghlasadh a'm priosan, mil' bliadhna gu duint' ann,
Gu farsuing bidh aobhair a' sgaoileadh 's gach dùthaich,
Uil' chinnich an t-saoghail toirt aoraidh 'us cliù dha,
Na h-iodhailean breige, g' an treigsinn 's cur cul riu,
Do Dhia a' toirt geilleadh, gu speiseal, 's gu riinach.
Tha losa, &c.
Tha esan a' tighinn, grad thigibh le umhlachd,
'N ur n-an'maibh 's n'ur cridhe gu h-iriosal lub' dha,
Cha dean faileas 'n aidmheil sibh taitneach 'n a shuilibh,
Mar pheacaich neo-airidh grad tharruingibh dluth dha.
Ged bha sibh ga 'r mealladh 's na laithibh chuir cùl ruibh,
Gun iompach' gun athracli' gun aithne air ùr-bhreth,
Tha 'thròcair cuir thairis, tha mathas 'n a riin dhuibh,
thigibh, gu h-ealamh, cha tabhair e'n diult dhuibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence