Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
29
A ghabh ar nàdur uim' gii fial,
Bhi dha mar Dhia 'n a phaillinn.
Nach grasmlior e, nach gràdhach e,
Nach caoimlineil, caomh an Slànuighear.
A thàin' thoirt teasairginn do dhaoin,
A bha fo dhaors' do 'n nàmhaid.
Mòr mlieud a ghràidh cha ghabh e luaidh,
Chaidh thar gach smuain an àird e,
Ni 's doimhn' 's ni 's farsuing tha na 'n cuan,
Nach tomhais luaidh n'a traigh e.
Nach gràsmhor e, nach gràdhach e,
Nach caoimhneal caomh an Slànuighear,
Chaidh thar gach eòlas meud a ghaoil,
Do thuigse dhaoin' do-rannsuicht'.
An uair 'n ar measg bha 'n Slànuighear los'
Bha e gu iosal tàireal.
Na h-uaibhrich mhòr re 'chuairt 's an fheòil,
Bha air a thòir mar nàmhaid.
Nach gràsmhor e, nach gràdhach e,
Nach caoimhneal caomh an Slànuighear. '
Nach d' rinn ar n' aing'eachd bhrosnach' suas,
A chumail uainn a chàirdeis.
A reir 's mar thug clann daoin' dha fuatli,
'S ann 'dh' eirich suas 'n a ghràdh dhoibh.
Oir ghabh 'na uchd na buillean uap,
'N a iochd 's 'n a thruas thoirt slàint' dhoibh.
Nach gràsmhor e, nach gràdhach e,
Nach caoimhneal caomh an Slànuighear,
Oir rinn e 'bheath' a leigeil sios,
Thoirt saors' 'us dion o'n bhàs doibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence