Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
28
Cha 'n 'eil aig' gath ga cliur an sàs,
Gu guineach, cràiteach, lianail.
Ghlan chreach an Slànuighear e gu bràth,
Ga chuir a'n slabhraidh iarruinn.
'S gur sona, &c.
Tha nis 'n a theachdair aig a chaoidh,
A thoirt a chloinn an phriosan.
'S gan aiseag steach do riogh'chd na gloir,
Cur crioch air bròn 's air iargain.
'S gur sona, &c.
'S 'n uair chreanaicheas an cinne-daon,
A mheud 's nach d' aom ri los' dhiubh,
Roimh sgalan cruaidh na trompaid mhòr,
Ni 'n glac le dòruinn shiorruith.
'S gur sona, &c.
Le misneach gbaisgeil seasaidh suas,
Gun gheilt gun fhuath 's gun fhiamh air.
'S cha ghluaisear e o 'dhanachd naomh,
Ged bhiodh an saogh'l 'n a ghriosaicli.
'S gur sona, &c.
'S carson a bhiodh air geilt no sgàth,
'S gur h-e a Shlànuighear losa,
Tha teachd 'na mhòralachd 's na ghloir,
Ga thoirt gu solas shiorruith.
'S gur sona, &c.
FoNN. — ''For a' that, and a' that."
'S e caoimhneas gradhach losa Criosd,
A chuirinn sios 's an dan so.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence