Skip to main content

‹‹‹ prev (411)

(413) next ›››

(412)
ORAIN
'S ioma fiùran ùr neo chlaon,
Gun ghlomb, gun ghaoid, gtin fhòtuB
A thuit gu làr an suain a' bhàis,
Mu'n d'fhuair sibh àird a' chòmhnaird.
Tharruing Raglan a's Canrobert —
Na fir chogaidh uasal —
Am feachd shluagh taghta air an adhart —
Dhol ri aghaidh bualidh ;
Ach ged bha Sassimaich us Frangaich
Clis neo-mhall 'san tuasaid,
'S iad na Gàidheil 'rinn a bheàm
A chuir an là gu buadhach.
Bha Batri mhùrtail aig an Russaineach
Air uchd an aonaich
A' dòirteadh sios nan garbh-fliras siontach
Mar chruaidh-ghliob 's an fhaoilteach,
Bha'n teine trom ud ri mòr-dhiobhail,
'Sgathadh sios nan laoch geal —
A's cha be 'n sùgradh tarruLng dlùth
Ri beul na fùrneis chraosaich.
Ach si'n Keiseamaid dhubh, ghaisgeil
Fo' Shir Cailein Caimbeul —
Curaidh treim nan ioma blàr —
Bha' chliu ro àrd mar cheannard —
A tharruLtig suas gu dìleas dlùth
Gun gheilt air cùl a shàlach,
'S a chuir na gunnairean 'san tuimhnich
Le geur rionn na stàilinn.
'N uair a chunncas air a' bhearradh
Na fir gheala lùthor,
Buidhean ghlan nam breacan uallach
D'an robh 'bhuaidh mar dhùthchas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence