Skip to main content

‹‹‹ prev (409)

(411) next ›››

(410)
ORAIN
Tha mo cliion air an ainnir,
Oigh ùr a' chùil chlannaich
Tha do shlios mar an eala,
'S tu 's maisiche 's tìr.
Ochòin, etc.
'lir òig tha ga 'm èisdeachd,
Mu'n deanar do 'theumadh,
Thoir an aire mu'n leum thu,
Nach tèid thu 'san dìg.
Ochòin, etc.
'S ioma oidhche le aighear
Thug mi'n cuideachd nan cailean,
'S bho'n a tha mi nis falamh,
Cha'n fharraid iad mi.
Ochòin, etc.
Cha tèid mise ri 'm mhaireann,
Do dh' Ile no dh' Arainn
Gheibh mi tè aig a' bhaile,
Ged bu bhanarach i.
Ochòin, etc.
Cha tèid mise gu banais
Gu fèill no gu faighir,
'S ann a bhios mi aig baile,
Bho nach fharraid iad mi.
Ochòin, etc.
CATH ALMA.
Le Dughall MaC^^-^^^-
AlR FoNN. — '^An am dol sios hhi deònaoh.
A cheòlraidh uasal, 's tric a ghluais
Mo bhuadhan an tùs m' òWe,
Gu dealbh nan rann fo sgàil nam beann;
O! thig san àm gu m' chòmhnadh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence