Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
ROIMH-RADII.
duanagan an Oranaiche aileag air an neach a's giorra anail. Ged nacli
d'tliug mi anns a' cheum so braigh-ghill air na chaidh romham,
thug mi an oidheirp air stiùireadh le faicill eadar Rudha-nan-rabhad
agus Coire-nan-cuartag. Cò aca, a rinn mi ceart no ceàrr, dh' f heuch
mi ris a' Ghàilig a litreachadh mar a tha i air a fuaimneachadh
ann an ce^rnaibh air leth. So puing a tha duilich a laimhseachadh
gun ceòhnhoireachd agus co-sheirm cuid do na h-òrain a mhilleadh,
oir is duail dàthchais, an t-im ùr a bhi a r^ir na blàthaich. Ged nach
'eil mise saor o mhearachdaibh clò-bhualaidh, fuaime no litreachaidh,
strìth mi ri ar cànain mhàthrail a chur a'n altaibh a che'ile cho
siias-bhriathrach agus cho nàdurra 's a b' urrainn mi ; agus ged
nach biodh gach ni a reir meidhean-tomhais nan tiolpairean, bu
mhaith leam gu 'n cuimhneachadh iad an sean-fhacal — "Saoilidh am
fear a bhios 'n a thàmh gur e f^in is feàrr làmh air an stiùir."
Dhioghluim nii ann an iomadh achadh. Thionail mi iomadh
dias, S3agal, eòrna, coirce is cruithneachd a riarachadh nan uile a re'ir
an càiL Shaor mi iomadh gineil bhàrdail o a bhi air an adhlacadh
ann an uaigh na di-chuimhne. Shàbhaileadh cuid eile dhiubh a bha
air faontragh ann an duilleachain bheaga, shuarach, o bhi 'n am biadh
do na leomainn.
Tha mic agus nigheanna a' chiìiil lìonmhor am measg nan Gàidheal
— 3Ìol Oi^ein agu3 na FJinne— sliochd nan sonn. Orra so she'id a'
Cheòlraidh, agus thug anail bhlàth am màthar beò-aiseirigh air am
buadhaibh. Phògadh iad le bilibh nam Fonn, 's dhùisg Teanga nan
Rann iad gu seinn. Dh' òl iad uile a re'ir an ìota d tobar flor-uisge na
bàrdachd. Theirgeadh ùine orm ann an labhairt umpa fa letli.
Chithear mar itean àrda am boineid an Oranaiche, òrain bhinne,
bhàrdail, agu3 luinneagan grinne, geur-chuiseach le ioma fìor bhàrd.
Còmhla riù so, thionaileadh grimnan ro-mliLiirneach, làn ciùil agus
aigheir, cuid mhòr dhiubh tha mar dhìUeachdain gvm phàrantan, ach
a shuain sinn gu càirdeil, teò-chridheach ann an cearb do bhreacan an
Oranaiche.
Tha mi a' guidhe gu 'm bi an t-Oranaiche cosmhuil ri sgoth-long
eutrom, thapaidh, loma-làn do raogha is tagha bathair — iùbhrach
ghasda, chòmhnard a sheòlas troimh gach caol is camus — a shiìibhlas
air gach locha is linne — a thathaicheas air gach ìiig is òb — a thagh-
aileas aig gach port is lamraig, gus, coimh-ionnan ri iadhadh na gre'ine,
an cuiricuairt shimndach, shoirbheachail, air an t-saoghal Ghàidhleach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence