Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
ROIMH-EADH
/^jp HA 'N t-Oranaiche iiis air a chasaibh le lànachd ciùil 'n a
(^^ chridhe agus le iomadh duanag thaitneach 'n a bheul. 'S e a
rìin eòlas a chur air na Gàidheil anns gach àite 's am bheil iad a'
tuinneachadh tuath is deas, an ear agus an iar, aig an tigh agus o 'n
tigh. Air dha bhi d'an bheachd nach cuir a ghnè, a ghiùlan, no
uirighioll bruaillean air neach 'sam bith tha e 'n dòchas gu 'n seachainn
e gainntir a' BhàiUidh agus beum-bàis a' Mhinisteir. Tha e meallta
'n a bharail mur faigh e fàilte agus furan o gach fìor Ghàidheal.
Riamh o'n thòisich daoine air an ghiasad le anail na bàrdachd air
roinn a chur r'a chèile, gheibhear 'n an cainnt bMasda, bhinn, ge'ireais
agus gliocas, fileantachd agus drìiidhteachd. 'S i bàrdachd cànain an
anma air a bheò-ghhiasad troimh dhoimhneachd subhachais no dubh-
achais — deòir an spioraid bhriste, agus gàire a' cliridhe laiste — cainnt
an duine 'n uair a's geire inntinn, a's beothaile a chuimhne, a's
fosgailtiche a thuigse, a's hxine a chridhe agus a's blàithe 'aignidhean.
Ann an goimh no ann an gean, ann an gruaim no ann an gràdh,
breithneachaidh agus dealbhaidh an t-anam bàrdail, beò-laiste,
smuaintean meamnach agus gnìomharan mòralach. Tha e cosmhail
ris an iolair rì<.ighail, bliior-shuilich, an uair a dh' direas i suas agus a
sgaoileas i a sgiathan mòra air tuilteach gaoithe. Chi sùil a' bhàird
solus is beatha, gràdh is maise anns a' chruthachadh nàdun-a, mhodh-
annail agus spioradail, agus bheir i fainear nach'eil anns na buadhaibh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence