Skip to main content

‹‹‹ prev (100)

(102) next ›››

(101)
97
*S na leanas an t-Uan de 'n t-sluagh air thalamh
So am fuaim ni tairis an cridhe'.
'S airidh Mac Dhè air geill a's urram,
'S e fèin a dh'f huiling am bas ;
'S e chunnaic ar feum 's ar n-eigin uile,
'S leis fèin bu duilich ar cas ;
'Sann ghiulan e fèin $u leir na buillean
O 'n d'eirich dhuinne a bhith slan,
*S tha a lotan 's a chreuchdan 'g eigheach uile,
Gach creutair urram thoirt dha.
B'iongantach saor do gliaol o'n toiseach,
Do dhaoine bochd a bha caillt' ;
'Nuair a thainig thu nuas le fuaim an t-Soisgeil,
'S gun aon neach cosnadh do ghradh ;
Bha 6inne gun Dia, 's gun dion 's gun dachaidh,
Gun rian, no fasgadh o 'n f heirg ;
'S a mhallachd gu buan 'g ar ruagadh dhachaidh,
Gu cuan do lasraichean dearg.
Ach cheannaich an t-Uan a shluagh o'n tuiteam,
A's f huair e iuchair a bhais ;
'S tha slaint' a shluaigh gu buan 'na chridhe,
'S cha dual dhaibh rithisd bhi an sas ;
Air Calbhari dh'oil e 'n doruinn uile,
A's dhoirt e a f huil air an lar ;
\S a naimhdean bha mor s'ann leon e uile iad,
'S gu glormhor bhuinnig e 'm blar.
Tha fuil air ma'n cuairt, 's a ghruaidh Ian falluis,
Sud f huair e an amair na feirg,
Ach 's gile a bhian no ghrian, 's a gheallach,
Tha iomhaigh geal agus deag ;
'S ged luidh e 'san uaigh, thug e buaidh, an cabhag,
'S chaidh suas le caithream gu gloir,
'S shuidh e gu buan mar Uan 'sa chathair,
'S tha sluagh nam rlaitheas 'na choir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence