Skip to main content

‹‹‹ prev (99)

(101) next ›››

(100)
96
'S bochd an sealladh an sluagh ua,
Air am fuadach o laithreachd ;
Air an glacadh le uamhas,
'S aobhar truas mar a tha iad ;
Cha'n fhac thu sealladh co bronach
Cho fad 's bu bheo thu 'san fhasach,
'S iad dol a chaith 'na siorruidheachd,
Ann am piantaibh do aireamh,
Ach nis shiubhail na daoine ud,
'S chaidh an gaoir as ar cluasan ;
'S chaidh an slochd orra a dhunadh,
'S cha'n 'eil duil ann e fuasgladh ;
Ach a chuideachd a dh'f hag iad,
Ann am fabhor an Uain sin,
Chuir iad an aghaidh air Parras,
Faic a phairtidh dol suas leo !
Faic an aighear 's an solas,
A seinn nan oran tha taitneach ;
'S cluinn farum nan aing'libh,
Le Bean-na-Bainse dol dachaidh i
Bheir iad steach i do'n t-seomar,
'Sam bheil a ghloir-san ri fhaicinn,
'S mairg nach bitheadh dheth an aireamh,
Gheibliadh gras gu bhi 'n taice rithe !
GLOIR AN UAN.
Tha Sion a seinn co binn 's a urrainn,
Toirt mile urram do'n Uan,
'S a seinn air a ghaol nach caochail tuille ;
'S e shaor i buileach o'n truaigh ;
Halleluiah gu buan aig sluagh nam flaitheaa,
Tha cuartach' caithir an Righ ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence