Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
40
'S mise a dh'aithnich mu thrath,
'S fhuair mi faireachd, no dha.
Gur tu caraid a bh'f hearr a bh'ann,
Gach neach 'sua chuir mi mo dhuil,
Fhuair mi e mar chuilc bhruit',
'S togaidh mise mo shuil chum nam beano.
'S bithidh mi 'g urnuigh riut fèin,
Oir tha mo naimhdean ro threun,
'S tha iad uile gu leir air mo thoir ;
Cuid mar leoghain toirt bheuc,
'S cuid ri miodal le 'm beul,
'S cuid 'g am folach fo sgeith mo chleoc.
Ach o'n tha deuchainnean ann,
Mar dh'fheuch thu da d' chlann,
Na treig mi gu ceann an roid :
O'n nach f haic mi san am,
Am bheil mi faisg air a cheann,
No 'm bi mi fad ann an gleann nan deoir.
Ma's e thachair ad run,
Gu'n d'theid mi dhachaidh gu dluth,
Dhionnsuidh fois ann an uine ghearr :
Cum 'sa caithriseach mi,
Chum 's gu'n imich mi'n sith ;
'S e bhi maille ri losa is fearr.
Ach ma's e so th'ann do run,
Gur eiginn fuireach car uine,
0, bi fein air an stiur 'ga m' sheol' ;
'S cha bhi ataireachd thonn,
Air nach marcaich mo long,
'S thig mi tir 's ann air fonn do ghloir.
Ma tha e feumail dhomh tamh,
'S cuan deth dheuchainnibh shnamh,
Deonaich pailteas dheth d ghras gin di

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence