Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
Aig mo naimhdibh an sas,
Ann an ceanglaichean bais,
'S iad ga m' mhealladh gach la gu truagh.
Ach o'n runich thu, Righ,
Nach rachainns' an di,
Ghlachd thu greim dhiom, a's mi air a bhruaich
'8 air dhuit sgaoiladh an lin,
'S ann f huar mi saorsa, agus sith,
'S thionndaidh m'aghaidh air Sion shuas.
Bu bheag m'eolas 'san am,
Ach 's tu bu chomhnadh dhomh ann,
Ga mo threorach trid ghleann nan deoir ;
'S mur bhith gun ghreas thu mi teann,
'Naair bhithinn leasg agus fann,
Cha robh mo shiubhal ach mall 'san rod.
'S e dh'f hag mo shiubhal cho mall,
'S iomadh leoghan a bh'ann,
A seasamh romham mar bheanntan buan ;
Ach le do leantuins' gu teann,
Chunnaic mise aig a cheann,
Nach b'e'n leoghan bli'ann, ach an t-UAN.
'Nuair shiubhlinn da cheum,
A's mo shuile riut fern,
Bhitheadh an t-slighe dhomh reidh dol sua» ;
An sin bhithinn gu treun,
'S bhitheadh mo chridhe rium reidh,
A's thairneadh sud mi 'n ceumnaibh luath.
Thairneadh sud mi gu ceol,
Le bhi 'faicinn do ghloir,
'Nuair a sgapadh nan neoil, le'n gruaim ;
'S le bhi 'faicinn do ghaoil,
A deanamh taice dhomh gach taobh,
Bha mi 'faicinn 's a faotuinn buaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence