Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
10
Ach dh'eirich grian, 's thainig la nan gras oa ,
A's dh'eigh an Traith c'aite am bheil thu Adhamh,
Thig nis a'm' fhiannuis 's mo ghaol gu siorruidli
Is feuchidh mi rian leis am bi thu tearuinte.
Oir eiridh slanaighir dheth 'n t-sliochd aig Eubha,
'S bithidh buaidh gu brath leis gach taobh a theid e,
'S e chlaoidheas Satan 's bithidh cheann fo shailtean
'S bith' shluagh leis tearruint 's gum paidh e an eirig
Chunna mi Abel toirt suas na h-iobairt,
Ni b'f hearr na Cain *s bha obair fìreant',
Bha chreidimh slainteil 's bha an Ti a's airde
Toirt fiannuis dha gun robh e na f hirean.
Chunna mi Enoch air steidh na firinn,
Bha creidimh Dhè aig 's bha cheumain direach,
'S le carbad slaint chaidh e suas gu Parras,
'S cha do bhlais e bas anns an tir so.
Chunna mi Noah san Airce 's e duinte aim,
'S an tuil ga dortadh air sluagh gun churam,
Ghlac eagal trath e on chreid e an t-Ard-Righ,
'S thainig am bas 'nuair bha each gun suil ris.
Chunna mi Abraham a's dh'fhag e an tir aige
'S na choigreach dh'fhas le gradh na firinn
Bha chreidimh laidir, 's bha shuil ri Parras
'S 'nuair fhuair e an aithne, cha da chaoin e Isaac.
Chunna mi Maois a' dol sios do an Eiphit
Do'n t-sluagh thoirt saorsa 's bha 'n gairdean treun leis,
Thug e mach le buaidh as an daorsa chruaidh iad
'S Pharaoh 's a shluagh, anns a chuan gun eiridh.
Chunna mi an t-saorsa thug a ghairdean treun dhaibh,
'S clmala mi ghaoir a bha an tir na h-Eiphit,
Nuair shaor e shluagh, a's le fuil an Uain sin,
'S an t-aingeal buadhach a' sgrios nan ceud-ghin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence