Skip to main content

‹‹‹ prev (66)

(68) next ›››

(67)
(53
Caib. XXX. — 5. Tha uiie fhocal De fior-ghlan:
is sgiath e dhoibhsan a chuireas an dòigh ann.
6. Na cuir-sa ni air bith r'a bhriathraibh, air
eagal gu'n cronuich e thu, agus gu'm faighear
breugach thu.
7. Dà ni dh'iarr mi ort ; na diùlt iad dhomh
mu**m faigh mi bàs.
8. Diomhanas agus breugan cuir fad uam ;
na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich
mi le biadh a bhios iomchuidh air mo shon.
9. Air eagal gu'm bi mi làn, agus gu'n àich-
eadh mi thu, agus gu'n abair mi, Cò e an Tigh-
earn ? No gu bi mi bochd, agus gu'n goid mi,
agus gu'n toir mi ainm mo Diiè an diomhanas.
10. Na dean casaid air seirbhiseach r'a
mhaighstir, air eagal gu malluich e thu, agus
gu faighear ciontach thu.
17. An t-sùil a ni magadh air athair, agus
a ni tarcuis air ùmhlachd do mhàthair, spion-
aidh fithich a" ghlinne a mach i, agus ithidh na
h-iolairean òo;a suas i.
SAILM.
Salm VI. — 1. A Thighearn, ann ad chorruich
na cronuich mi, agus ann ad f heirg na smach-
daich mi.
% Gabh truas diom, a Thignearn, oir tha
mi lag : Slànuich mi, a Thighearn, oir a ta mo
chnàmhan air an cràdh ;
3. Agus a ta m'anam air a chràdh gu mòr ;
ach thusa, a Thighearna, cia fhad ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence